Łódź
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a th’ann Łódź (IPA: wutɕ , Iùdais: לאדזש neo Lodzh, Laideann: Lodzia, Liotuànais: Lodzė, Gearmailtis: Lodsch agus Litzmannstadt bho 1940 gu 1945). Tha e suidhichte aig 198m os cionn ìre na mara,[1] anns a’ ghleann Ner, ri taobh na h-aibhne Ner, a shruthas chun na h-aibhne Warta.[2] Tha Łódź 221km air falbh bho Lublin, 188km bho Kraków, 294km bho Gdańsk agus 119km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e baile neo-eisimeileachd a th’ann. Chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1332 ann an sgrìobhainn eaglaiseil, ri linn nam Piast, agus chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an treas baile as motha na dùthcha a th’ann.[5] Tha an t-ainm a’ ciallachadh bàta.[6]
Łódź
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Łódź fhèin | ||||
Sgìre | Łódź fhèin | ||||
Co-chomharran | 51° 45′ 00 Tuath 19° 28′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 293.25 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 706,004 (2014) | ||||
Dlùths | 2,407.52/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 48) 42 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.uml.lodz.pl/ |