From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e bàrd Albannach a bh' ann an Ùisdean MacDhiarmaid (Langaim, 11 an Lùnastal 1892–Dùn Èideann, 9 an t-Sultain 1978). Bha ùidh mòr aige ann am poileataigs agus bha e a' feuchainn litreachas sgrìobhte sa Beurla Ghallda a bhrosnachadh ann an Alba. Bha Somhairle MacGill-Eain air a bhith fo bhuaidh litreachail MhicDhiarmaid. Thathar ag ràdh gur e pìos bhàrdachd as cudromaiche a thaobh ùr-nòsachas litreachail ann an Alba a th' ann an The Drunk Man Looks at the Thistle (1926) le Ùisdean MacDhiarmaid.
Ùisdean MacDhiarmaid | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Christopher Murray Grieve |
Breith | Langaim, 11 dhen Lùnastal 1892 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Dùn Èideann, 9 dhen t-Sultain 1978 |
Teaghlach | |
Clann | |
Foghlam | |
Foghlam |
Colaiste Ealain Dhùn Èideann Langholm Academy (en) |
Cànain |
Beurla A' Bheurla Ghallta |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, bàrd, neach-poileataigs, eadar-theangair, neach-naidheachd, sgrìobhadair, breithniche litreachais agus beatha-eachdraiche |
Àitichean-obrach | Ebbw Vale (en) , Bruach Chluaidh, Monadh Rois, Lunnainn agus Poll a' Ghrùthain |
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
Far-ainmean | Hugh MacDiarmid |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba National Party of Scotland (en) Communist Party of Great Britain (en) |
Rugadh Ùisdean MacDhiarmid mar Christopher Murray Grieve (Crisdean Moireach Mac a' Ghreidhir) 11 an Lùnastal 1892 ann an Langholm anns Na Crìochan. Ghabh e anns an arm ann an 1914 (Royal Army Medical Corps) agus bha e stèidhichte ann an Salonica, anns A' Ghrèig agus anns An Fhraing.
Chaochail MacDhiarmid ann an 1978.
Bha deasbaid mòr ann eadar Ùisdean MacDhiarmid agus Edwin Muir a thaobh an cànan ceart airson litreachas na h-Alba ann an 1936. Bha Edwin Muir dhen bheachd gu bheil Beurla an cànan as fheàrr airson litreachas na h-Alba a dhol air adhart, ach bha Ùisdean MacDhiarmaid ag iarraidh litreachas Albannach sna cànain eile, mar Beurla Ghallda, a bhrosnachadh agus a chumail beò.
Ann an 1934, nuair a bha Somhairle MacGill-Eain na oileanach aig Moray House ann an Dùn Èideann, thachair e ri Ùisdean MacDhiarmaid. Bha tarraing mhòr eadarra agus lean an dlùth chàirdeas sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Nuair a thachair an dithis aca, bha ùidh aig MacDhiarmaid mar thà ann am bàrdachd Ghàidhlig agus dh' eadar-theangaich Somhairle MacGill-Eain cuid de na dàin le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir do MhacDhiarmaid. Tha dealbh de Ùisdean agus Shomhairle air Whalsay, Sealtainn, ann an 1935 aig Urras Shomhairle.
Tha ainm, Ùisdean MacDhiarmaid, a' nochdadh ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain gu tric, mar eisimpleir ann an Dàin do Eimhir no An Cuilithionn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.