From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e aon de na seinneadairean agus luchd-ciùil as ainmeile san Fhraing a bh' ann an Édith Piaf (IPA: edit pjaf, Fìor ainm: Édith Giovanna Gassion, Paris, 19 an Dùbhlachd 1915–Plascassier, 11 an Dàmhair 1963) agus dh'fhàs i ìomhaigh dhùthchail. Nochd a seinn a beatha dhochannach, bhrònach, le a neart a bhith òrain-ghaoil thiamhaidh air seinn ann am guth caointeach. Tha "La vie en rose" (1946), "Hymne à l'amour" (1949), "Milord" (1959), agus "Non, je ne regrette rien (1960) am-measg a h-òrain ainmeile.
Édith Piaf | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Édith Giovanna Gassion |
Breith | Paris, 19 dhen Dùbhlachd 1915 |
Dùthaich | An Fhraing |
Àite-fuirich |
Paris Na Stàitean Aonaichte Normandy (en) An Fhraing |
Ciad chànan | Fraingis |
Bàs | Grasse agus 16th arrondissement of Paris (en) , 10 dhen Dàmhair 1963 |
Àite-adhlacaidh |
cladh Père Lachaise Grave of Gassion-Piaf (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (sileadh fala 'na bhroinn) |
Teaghlach | |
Athair | Louis Gassion |
Màthair | Line Marsa |
Cèile |
Jacques Pills (en) (20 dhen t-Sultain 1952 - 1956) Theophanis Lamboukas (en) (9 dhen Dàmhair 1962 - 10 dhen Dàmhair 1963) |
Càraid |
Marcel Cerdan Louis Gérardin Yves Montand (en) unknown value |
Clann | |
Foghlam | |
Cànain |
Fraingis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair, actair, recording artist (en) , chansonnier (en) , neach-ealain na sràide agus sgrìobhaiche òran |
Àirde | 147 centimetre |
Obraichean comharraichte |
La Vie en rose (en) Milord (en) Non, je ne regrette rien (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Ancient Mystical Order Rosae Crucis (en) |
Far-ainmean | Édith Piaf |
Gnè ealain |
chanson (en) chanson réaliste (en) ballade (en) |
Nàdar a’ ghutha | contralto (en) |
Inneal-ciùil | guth |
Taigh-clàraidh |
Pathé-Marconi (en) Polydor Records (en) |
IMDb | nm0681191 |
A dh'aindeoin na mòran eachdraidhean-beatha uimpe, tha mòran na beatha Édith falaichte le rùn, a' gabhail a-steach a breith. Rugadh i Édith Giovanna Gassion ann an Belleville, Paris, an ceàrn an imreachais àird air thoirt iomradh air nas fhadalaiche le Daniel Pennac. Thuirteadh sgeulachd shean gun rugadh i air a' chabhsair na Rue de Belleville 72, ach thuirt a teisteanas-breith oifigeil gun rugadh i aig an Hôpital Tenon,[1] an taigh-leighis airson an ceàrn na Belleville. Thugadh an t-ainm Édith dhi airson an banaltram Breatannach A' Chogaidh Mhòir, Edith Cavell, a bha air chur ri bàs air a' chuideachadh saighdearan Frangach a theicheadh bhon bhraighdeanas na Gearmailte. Thòisich piaf— mith-chainnteachas a' Pharas airson "gealbhonn"—cho leas-ainm gum fuair i 20 bliadhnaichean na b' fhadalaiche.
'S e ban-dùthchasach leth-Eadailteach de Livorno a bh' ann a màthair, Annetta Giovanna Maillard (1895–1945). Bha i aig obair cho seinneadair nan taigh-seinnse fodhan ainm Line Marsa.[1] 'S e lùth-chleasaiche na t-sràide a bh'ann an athair Édith, Louis-Alphonse Gassion (1881–1944)[2] le eòlas an taighe-chluiche. Bha gu luath Édith trèigte le a màthair agus bha a h-athair sa' Chogadh, 's mar sin dh'fhuirich i fad ùine ghoirid leis a' mhàthair a màthar, Emma (Aïcha) Saïd ben Mohammed (1876–1930), a bha 'na Ban-Cabileach. Gu goirid an dèidh sin, ghabh an t-athair Édith a nighean a dh'fhuireach le a mhàthair, a bha 'na bhana-mhaighstir taigh-strìopachas ann an Normandie, agus an uair sin thill e dhan dh'armailt Fhraingich ann an 1916. Chuidich na strìopaichean a dh'àrach Édith.
As na h-aoisean trì ri seachd, bha air aithris Édith dall, a' fulang bho cor na t-sùla, 's dòcha at-còirne; agus as na h-aoisean ochd ri ceithir deug, bha i air aithris bodhar. A-rèir ri aon a h-eachdraidhean-beatha, fhuair i a lèirsinn air ais nuair ann an mar a tha iomradh air thoirt air cho "mìorbhail", an dèidh chruinnich na strìopaichean a seanmhair airgead ga cur air taisdeal a thoirt urram ri Thérèse de Lisieux. Ann an 1929, aig an aois 14, cheangail i le a h-athair 'na ghnìomhan na t-sràide air feadh na Frainge, far an sheinn i gu follaiseach air a' chiad àm. An uair sin ghabh i seòmar aig an Grand Hôtel de Clermont (18 rue Veron, Paris 18ème) agus dhealaich i bhuaithe, a' dol a slighe fhèin cho seinneadair-sràide anns an Pigalle, Ménilmontant, agus na h-iomall-bhailtean na Paris (th' ann iomradh ri seo 'san òran "Elle fréquentait la Rue Pigalle" (Thadhail I an Sràid Pigalle). Cheangail i le a leth-phiuthar Simone Berteaut ("Momone")[1] 'san oidhirp seo, agus dh'fhàs an dithis buan-chàirdean sa' mhiastadh. Bha i mu dheidhinn 16 bliadhna a dh'aois nuair thuit i ann am gaol le gille-fritheil, Louis Dupont. Aig an aois 17 rugadh an aon pàiste aice, caileag ainmichte Marcelle, a bhàsaich aig dà bliadhna a dh'aois à fiabhras eanchainne.[2] Mar a màthair fhèin roimhpe, lorg Édith ag àrach pàiste doirbh fad fhuireach beatha air na sràidean, 's mar sin dh'fhàgtadh i gu tric Marcelle na h-aonar fad a neo-làthaireachd, agus ghabh Dupont an nighean a dh'àrach leis fhèin roimh a' bhàs Mharcelle mìosan na b' fhadalaiche. 'S e drùisear a bh' ann an ath-leannan Édith, Albert, agus ghabh e roinn-pàighidh as an airgead gun d' rinn i le seinn ann an iomlaid ann an iomlaid nach cuirteadh e spàirn oirre a dh'fhàs strìopach; chuir caraid Édith, nighean thlàth ainmichte Nadia, làmh 'na beatha fhèin nuair bha i air chur aghaidh air an smaoin de fàs strìopach agus cha mhòr nach do chuir Albert peilear tro Édith nuair bhris i am càirdeas oir a' bhàis Nadia.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.