From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus sgìre-riaghlaidh ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Örebro (IPA: œrɛˈbru). Tha e suidhichte faisg air Eskilstuna aig inbhir na h-Aibhne Svartån le Loch Hjalmar,[1] anns an sgìre Örebro län, 152km air falbh bho Uppsala agus 159km bho Ghöteborg.[2] Tha 107,038 duine a' fuireach ann.[3]
Örebro
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Örebro län | ||||
Sgìre | Närke | ||||
Co-chomharran | 59° 16 26′ Tuath 15° 12 48′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 42.96 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 107,038 (2015) | ||||
Dlùths | 2,491.57/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 19 | ||||
Duilleag oifigeil | http://orebro.se/ |
Tha e coltach gur ann à ör (eilean) agus am facal bro (drochaid) a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Drochaid an Eilein dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla bridge agus a' Ghearmailtis brücke a th' ann.
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1404, nuair a fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile a thaobh chìsean, malairt agus margaidh a chumail. Chaidh Oilthigh Örebro a stèidheachadh an seo ann an 1977.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.