From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Sagsainn a tha ann an Zittau (Seacais: Žitava, Pòlais: Żytawa, Sòrbais Uarach: Žitawa). Tha e suidhichte ann an ear-dheas na Gearmailt faisg air na crìochan don Phòlainn agus don t-Seic. 'S e seo na co-chomharran aige: 50° 53′ 46″ Tuath agus 14° 48′ 26″ Ear. Ann an 2009 bha 28.638 duine a' fuireach an seo.[1]
Zittau
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Sagsainn | ||||
Sgìre | Görlitz | ||||
Co-chomharran | 50° 53′ 46″ Tuath 14° 48′ 26″ Ear. | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 66.74 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 28.638 (2009) | ||||
Dlùths | 0.43/km² | ||||
Àireamh fòn | 0049 3583 | ||||
Duilleag oifigeil | www.zittau.eu |
Tha Zittau suidhichte aig cois nam beann Zittauer Gebirge, eadar 230 m is 285 m os cionn na mara. Tha abhainn bheag, Mandau, a' ruith tron bhaile. San iar-dheas a’ baile tha loch ris an canar Olbersdorfer See.
Thàinig an t-ainm Zittau às na cànanan Slàbhach agus tha e a' ciallachadh "seagal".
Tha am baile ainmeil air sgàth 's nam Fastentücher (Laideann: Velum quadragesimale) aca. 'S e pìosan clò a th' annta a chleachdadh anns na seann làithean airson an altair a chur air falbh aig àm a' Charghais. Chaidh iad a chruthachadh ann an 1472 agus 1573. Tha am fear as motha a' sealltainn sgeulachdan às a' Bhìoball. Mar sin tha e sònraichte air feadh na Roinn Eòrpa gus an latha an-diugh. [2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.