Zaragoza (provincia)

From Wikipedia, the free encyclopedia

Zaragoza (provincia)
Remove ads
Remove ads

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Zaragoza (IPA: θaɾaˈɣoθa). Tha e na laighe ann an Aragón, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Zaragoza a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Aragòin i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Zaragoza fad 17,275km²[3] agus tha 973,325 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an ceathreamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 15mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Soria, Lleida, Teruel, Nafarroa, La Rioja, Guadajara, Tarragona agus Huesca.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Zaragoza
Thumb Thumb
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Zaragoza City (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 17,275 km²
Àireamh-shluaigh 973,325 (2014)
Dlùths 56.34/km²
Àireamh fòn + (976)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne
Remove ads

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Caesaraugusta[6] ann an Laideann a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh baile air a stèidheachadh san sgìre le Octavius Augustus airson seann shaighdearan nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[7] Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean gu Zaragoza ann an Catalanais (k → s) agus fiù 's nas fhaide na sin ann an Spàinntis (k → s → θ). Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Remove ads

Bailtean Eile

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Loading content...
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads