From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile meadhanach eadar Vinnytsia agus Kryvyi Rih san Ucràin a th' ann an Uman (Ucràinis: Умань, Pòlais: Humań, Iùdais: אומאַן, IPA: ˈumɐnʲ). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Umanka, san roinn Cherkaska Oblast. Tha 88,300 duine a' fuireach ann.
Uman Умань
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Cherkaska Oblast | ||||
Sgìre | Umanskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 45 00' Tuath 30° 13 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 41 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 88,300 (2021) | ||||
Dlùths | 2,153.66/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 4744 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh Uman a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1616. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944 agus bha an sabaid gu math doribh tro Chath Uman eadar Na Nàsaich agus na Sobhiataich ann an 1941 agus na Sobhiataich air an cuairteachadh. Ann an 1991, thàinig Uman gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Cherkasy a' bruidhinn (93.27%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (6.38%).[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Uman tron 19mh Linn, cha b' ann ach anns na 1970an a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Uman air thuiteam fad na 21mh Linn.
|
|
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.