From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Tutankhamun (cuideachd: Tutankhamen, Tutankhaten, Tutankhamon[1] 'na phàraoh ann an 18mh rìoghrachas na h-Èipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC rè linn ann an eachdraidh na h-Èipheit air a bheil an Rìoghachd Ùr (no Linn na h-Impireachd Ùr uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Rìgh Tut ris gu tric. Bha ainm tùsail, Tutankhaten, a’ ciallachadh "dealbh beò Aten" agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beò Amun". Ann an dealbh-sgrìobhadh na h-Èipheite, sgrìobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnàth an cois gnàthas an luchd-sgrìobhaidh a chuireadh ainm dè aig toiseach abairt mar urram dhan dia.[2] Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Rìgh Rathotis 18mh rìoghrachas na h-Èipheit a bha a’ riaghlaidh, a-rèir an eachdraidhe Manetho, fad naoidh bliadhna, faid a tha a-rèir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgrìobh Flavius Josephus.[3]
Tutankhamun | |||
---|---|---|---|
1332 BCE - 1323 BCE ← Smenkhkare (en) , Neferneferuaten (en) - Ay (en) → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Tutankhaten | ||
Breith | Amarna (en) , 1341 BCE | ||
Dùthaich | New Kingdom of Egypt | ||
Àite-fuirich | unknown value | ||
Bàs | Memphis (en) , 1323 BCE | ||
Àite-adhlacaidh | tomb of Tutankhamun (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Mailèiria) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Akhenaten | ||
Màthair | A' Bhan-tighearna Òg | ||
Cèile | Ankhesenamun (en) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Fine | 18mh rìgh-shliochd na h-Èipheit | ||
Foghlam | |||
Cànain | Middle Egyptian (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | riaghladair |
Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon[4][5] ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhòr gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhòr a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhùisg e ùidh am measg nan daoine san Èipheit àrsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Èipheit) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain às an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dhèanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios dè an t-ainm a bha oirre) an dà chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg a chaidh a lorg san tuama KV35.[6] A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air dòigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam phàraoh.[7]
Mar a b’ àbhaist do phàraohan na h-Èipheit, bha pailteas ainmean air Tutankhamen.
Ainm Horus |
|
𓅃𓃒𓂡𓏏𓅱𓏏𓄟𓋴𓏏𓅱𓏪𓊁 Kanakht Tutmesut An tarbh làidir tlachd-bhreitheach | |||||||||||||||||||||||||||||
Ainm Nebti | 𓅒𓄤𓉔𓊪𓅱𓇩𓏪𓋴𓎼𓂋𓎛𓂝𓇿𓇿𓈅𓈅𓅨𓉥𓉐𓏤𓇋𓏠𓈖𓎟𓂋𓇥𓂋𓀯 Neferhepusegerehtawy Werahamun Nebrdjer Am fear a nì foirfe laghan, a shìthicheas an dà thìr; fear mòr lùchairt Amun; Tighearnan nan uile[8] | ||||||||||||||||||||||||||||||
Ainm Horus òir | 𓅉𓍞𓈍𓏥𓊃𓊵𓏏𓊪𓊹𓊹𓊹𓋾𓈎𓏛𓁦𓋴𓊵𓏏𓊪𓊹𓊹𓊹𓅱𓍿𓊃𓍞𓈍𓏥𓇋𓏏𓆑𓀯𓆑𓁛𓍞𓈍𓏥𓋭𓊃𓇾𓇾𓅓 Wetjeskhausehetepnetjeru Heqamaatsehetepnetjeru Wetjeskhauitefre Wetjeskhautjestawyim Am fear air a bheil crùintean is a thoilicheas na diathan; riaghladair na fìrinnh, a thoilicheas na diathan; air a bheil crùn athar, Re; air a bheil crùintean is am fear a cheanglas an dà thìr annta | ||||||||||||||||||||||||||||||
Ro-ainm |
|
𓇓𓆤 𓍹𓇳𓆣𓏥𓎟𓍺 Nebkheperure Tighearna chruthan Re | |||||||||||||||||||||||||||||
Mac Re |
|
𓅭𓇳 𓍹𓇋𓏠𓈖𓏏𓅱𓏏𓋹𓋾𓉺𓇗𓍺 Tutankhamun Hekaiunushema Ìomhaigh bheò Amun, riaghladair Heliopolis Uachdarach. |
Nuair a chaidh na seann-tradaiseanan cràbhaidh a chur an sàs às ùr an dèidh crìonadh adhradh Aten, chaidh ainm atharrachadh. Thathar ’ga thar-litreachadh twt-ꜥnḫ-ỉmn ḥqꜣ-ỉwnw-šmꜥ air neo, a-rèir nòsan luchd-eòlais na h-Èipheit an latha, Tutankhamun Hekaiunushema, a’ ciallachadh “Ìomhaigh bheò Amun, riaghladair Heliopolis Uachdarach”. Nuair a ghabh Tutankhamun an rìgh-chathair, ghabh e ro-ainm a tha ’ga thar-litreachadh nb-ḫprw-rꜥ air neo Nebkheperure, a’ ciallachadh "Tighearna chruthan Re". Dh’fhaoidte gur e Nibhurrereya, ann an litrichean Amarna, an dòigh air an robhar a’ fuaimneachadh ainm.
Bu Tutankhamun mac Akhenaten (air an robh Amenhotep IV roimhe) agus aon dhe na peathraichean aig Akhenaten[9] no ’s dòcha aon dhe na co-oghaichean aige.[10] ’S e Tutankhaten an t-ainm a bha air nuair a bha e ’na phrionnsa.[11] Ghabh e an rìgh-chathair ann an 1333 RC nuair a bha e naoidh no deich bliadhna a dh’aois agus ghabh e ainm Nebkheperure mar rìgh.[12] B’ e tè air an robh Maia a mhuime agus tuama aice aig Saqqara.[13] Tha coltas gum b’ e fear Sennedjem a thidsear.
Nuair a rinneadh rìgh dheth, phòs e a leth-phiuthair Ankhesenpaaten agus dh’atharraich i a h-ainm gu Ankhesenamun an dèidh sein. Bha dà nighean aca ach rugadh an dà dhiubh marbh.[6] Rinneadh rannsachadh tomografach ann an 2011 agus chunnacas gun do bhàsaich an dàrna nighean nuair a bha a màthair eadar an 5mh agus an 6mh mìos dhe leatromachd agus an tè eile aig 9 mìosan. Cha deach fianais air galar o bhroinn a lorg no fiù adhbhar bàis.[14]
Ged nach eil fhios, leis cho òg ’s a bha an rìgh, tha teans gun robh comhairlichean cumhachdach aige, a’ gabhail a-staigh Àrd-vizir Ay (a ghabh an rìgh-chathair an dèidh Tutankhamun) agus an Seanalair Horemheb (ma dh’dhaoidte mac-cèile is iar-theachdaiche Àrd-vizir Ay). Sgrìobh Horemheb gun do rinn an rìgh “tighearna na dùthcha” dheth, ’s e sin prionnsa oighre a ghlèidheadh an lagh. Thuirt Horemheb cuideachd gun robh esan comasach air fearg an rìgh a lasachadh nan digeadh fearg air.[15]
Fo bhuaidh nan comhairlichean aige, thill Tutankhamun cuid dhe na rudan a thugadh a-steach rè rìoghachd athar san treas bhliadhna a rìoghaich Tutankhamun. Chuir e crìoch air adhradh dè Aten agus dh’aisig e Amun mar am prìomh-dhia agus dh’aisig e pribhleidean tradaiseanta nan sagartan. Cuideachd, ghluais e prìomh-bhaile na dùthcha air ais a Nodh agus chaidh baile Akhetaten a thrèigsinn.[16] ’S ann aig an aon àm a dh’atharraich e ainm, a’ gabhail ri Tutankhamun, “ìomhaigh bheò Amun” mar dhaingneachadh air ath-aiseag Amun.
Mar phàirt dhen obair ath-aisig aige, thòisich an rìgh air iomadh pròiseact togalach, gu sònraichte aig Karnak ann an Nodh far an do choisrig e teampall dha Amun. Chaidh iomadh carragh a thogail agus tha e sgrìobhte air doras a thuama “gun dug an rìgh seachad a bheatha a’ dealbhadh ìomhaighean nan diathan”. Bhathar a’ comharradh nam fèilltean tradaiseanta a-rithist, a’ gabhail a-staigh na feadhainn co-cheangailte ri Tarbh Apis, Horemakhet agus Fèill Opet. Tha carragh-chuimhne ath-aisig a’ cur an cèill:
Bha eaconamaidh na dùthcha lag agus tro chèile an dèidh rìoghachadh Akhenaten. Bha dioplòmasachd leis na rìoghachdan eile air a chur an dearmad agus rinn Tutankhamun oidhirp ceanglaichean dioplòmasach a stèidheachadh leotha às ùr, gu sònraichte le Mitanni. A-rèir nan gibhtean a fhuaras ’na thuama à diofar dhùthchannan, shoirbhich leis. Ach ged a rinn e oidhirp air na dàimhean eadar na dùthchannan ath-shlànachadh, tha iomradh air cogadh ri Nubia agus muinntir Àisia ri leughadh ’na theampall bàis ann an Nod. Ged a chaidh armachd cuirp agus àirneis cogaidh a lorg ’na thuama, chan eil na h-eachdraichean dhen bheachd gun do rinn e cogadh e fhèin air blàr leis cho òg ’s a bha e (bhàsaich e nuair a bha e mu 19) agus na ciorraman a bha air is e feumach air bata coiseachd.[6][18]
Bha Tutankhamun ’na fhear beag aotrom mu 180cm a dh’àirde.[19] Bha a bheulagan mòr agus tar-bhìd a bha sìol Thutmoses ainmeil air. Chaidh mion-rannsachadh rèideo-eòlais, daon-eòlais agus ginteil a dhèanamh air grunn mhumaidhean eadar an t-Sultain 2007 agus an Dàmhair 2009 mar phàirt de phròiseact rannsachaidh air teaghlach Rìgh Tutankhamun. Sheall an rannsachadh gun robh beàrn bheag ’na chàirein[20] agus ma dh’fhaoidte fiaradh cnàimh an droma gu ìre bhig. Sheall an rannsachadh air corp Tutankhamun cuideachd nach a chas chlì ceart ri linn neacrois a’ chnàmha. Dh’fhaoidte gum be seo a chuir air coiseachd le bata agus chaidh mòran dhiubh a lorg ’na thuama.[21]
Nuair a rinneadh deuchainn DNA air mumaidh Tutankhamun, lorg luchd-saidheans DNA o na faoighichean a dh’adhbharaicheas malaria. ’S e seo an fhianais ghinteil as sine a lorgadh dhen tinneas gu ruige seo. Chaidh barrachd air aon sìol dhen fhaoighiche malaria a lorg agus tha sinn a’ ciallachadh gun do bhuail malaria air Tutankhamun barrachd air aon turas. A-rèir National Geographic “Bhitheadh malaria air siostam ion-dhìon Tutankhamun a lagachadh agus bhitheadh droch-bhuaidh aig an tinneas air ath-shlànachadh a choise. Dh’fhaoidte gum b’ e seo, còmhla ri cnàimh briste a leis a lorgadh ann an 2005, a thug bàs air an rìgh òg aig a’ cheann thall.”[21]
Thòisich sgioba air DNA Tutankhamun agus mumaidhean eile ’na theaghlach a rannsachadh ann an 2008. Sheall toraidhean an rannsachaidh DNA gum b’ e Akhenaten athair agus nach b’ i màthair Tutankhamun am measg mnathan aithnichte Akhenaten ach aon dhe na peathraichean aig Akhenaten. Ach chaidh na deuchainnean a chleachd an sgioba a chàineadh le cuid.[22][23] Thuirt an sgioba gun robh iad cha mhòr gu tur cinnteach gum b’ e Amenhotep III athair aig an neach ann an KV55, ’s e sin athar Tutankhamun.[24] Fhuaras màthair an rìgh òig nuair a rinneadh deuchainn DNA air mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg (KV35YL) a lorgadh ri taobh na Bànrigh Tiye ann an cabais an tuama KV35. Sheall an DNA gum b’ ise, mar athair Tutankhamun, am measg clann Amenhotep III agus Tiye. Tha sin a’ ciallachadh gur e bràthair is piuthair a bha ann am pàrantan Tutankhamun.[25] Bha cumhachd phoilitigeach aig a’ Bhànrigh Tiye aig a’ chùirt rìoghail agus bha i ’na comhairliche aig a mac an dèidh bàs an duine aice.
Ged nach eil an dàta iomlan againn fhathast, tha an rannsachadh a’ cur ’nar sùilean gur e nighean Tutankhamun fhèin a tha anns an dàrna mumaidh nighein ann an tuama Tutankhamun agus gu bheil deagh-theans gur e dàrna nighean Tutankhamun a tha sa ghinean eile a chaidh a lorg ann. Ach chan eil ach pìosan dhen dà mhumaidh boireann à KV21 againn aig an ìre-sa.[26] Dh’fhaoidte gu bheil aonan dhiubh, KV21A, màthair an naoidhein agus leis a sin, b’ i Ankhesenamun, bean Tutankhamun. Tha fiosrachadh eachdraidheil againn a tha ag innse gum b’ ise nighean Akhenaten agus Nefertiti agus leis a sin, gu bheil teans mòr gun robh i ’na leth-phiuthair an duine aice. Tha fhios gun faigh iomadh naoidhean bàs ro bhreith ri linn dàimh-shìolachaidh san fharsaingeachd.
Chan eil sgeul air làithean mu dheireadh Tutankhamun agus rinneadh iomadh deasbad mòr mu dhèidhinn ri linn sin. Chaidh rannsachadh mòr a dhèanamh air adhbhar a bhàis. Tha cuid a dh’fhianais ann, mar an fheadhainn a chuir Ralph Mitchell, micreo bith-eòlaiche à Harvard, air adhart a tha a’ sealltainn gur e tìodhlacadh cabhagach a bha ann. Thuirt Mitchell gun robh smail dhonna air ballachan sgeadaichte an tuama aig Tutankhamun a’ cur ’nar sùilean gun deach a chur san tuama mus robh am peant buileach tioram.[27]
Ged a tha cuid a’ beachdnachadh gun deach Tutankhamun a mhurt, tha aə mhòr-chuid dhen bheachd gur e bàs tubaisteach a bha ann. Sheall sgana CT ann an 2005 gun do dh’fhuiling e cnàimh-bhriseadh fosgailte ’na chas chlì[28] beagan mus do chaochail e agus gun robh a’ chas air galarachadh. Sheall an rannsachadh air chuid DNA ann an 2010 gun robh e a’ fulang malaria cuideachd agus tog sin am beachd gum b’ e malaria agus tinneas Köhler II adhbharan a bhàis còmhla.[29]
Thuirt buidheann de luchd-saidheans Gearmailteach ann an 2010 gun robh iad-san dhen bheachd gur e tinneas nan ceallan corranach a dh’adhbharaich a bhàis ach dhiùlt luchd-saidheans eile am mìneachadh seo[30] a chionn ’s nach do chaochail e mus robh e 5, mar is àbhaist leis an tinneas seo, agus ionad neacrois a chnàmha a bhios ’na chomharra air galar Freiberg-Kohler mar is trice seach tinneas nan ceallan corranach. Rinn buidheann de rèidio-eòlaichean, àrc-eòlaichean is eòlaichean-gintinneachd rannsachadh ann an 2005 slighe sganaichean CT agus chunnacas nach do bhàsaich e an cois buille air a cheann mar a bhathar am beachd roimhe sin.[31] Sheall dealbhan CT ùra fianais air galaran a bha air o bhroinn, rud a tha nas cumanta ann an clann cola. Ma bhios clann eadar bràithrean is peathraichean, gheibh a’ chlann dà lethbhreac de dhroch-ghineachan, aonan o gach pàrant, nas trice agus sin as adhbhar gum fuiling clann cola de ghalaran ginteil nas trice. Tha amharas gun robh leth bheàrn-chàirein aige cuideachd, galar o bhroinn eile.[32] A bharrachd air sin, chaidh dusanan de ghalaran eile a chur air adhart mar adhbhar a bhàis thràith.[33][34]
Rinn sgioba rannsachaidh Èiphiteach fo Yehia Gad agus Somaia Ismail on Ionad-rannsachaidh Nàiseanta ann an Cairo barrachd sganaichean CT fo stiùireadh Ashraf Selim agus Sahar Saleem o Roinn an Leigheis aig Oilthigh Chairo, còmhla ri triùir chomhairlichean o thall thairis, Carsten Pusch o Oilthigh Eberhard Karls à Tübingen sa Ghearmailt; Albert Zink o Institiùd EURAC airson Mhmaidhean agus an Fhir-dheighe ann an Bolzano, An Eadailt;[35] agus Paul Gostner o Prìomh-ospadal Bolzano.[36]. Ghabh seo a-steach anailis lorgan DNA stèidhichte air anailis STR còmhla ri gleusan rannsachaidh eile agus chuir an rannsachadh seo gu neoini nan teòirigean a thuirt gun robh galar Antley-Bixler no galar Marfan air ach rinn e soilleir gun robh galaran a’ càrnadh ann an teaghlach Tutankhamun. Chaidh grunn galaran a lorg ann an Tutankhamun, mar galar Köhler II, ach cha chuireadh gin dhiubh bàs air leis fhèin. Rinneadh deuchainnean ginteil airson gineachan STEVOR, AMA1 agus MSP1 nach fhaighear ach ann am Plasmodium falciparum agus sheall sinn gun robh malaria tropaigeach ann an 4 mumaidhean, a’ gabhail a-staigh Tutankhamun.[6] Ach chan eil aonta fhathast dè dìreach agus cò na galaran dìreach a chuir air bàsachadh.
Mar a chaidh innse gu h-àrd, lorg an sgioba DNA o dhiofar fhaoighichean a sheall gun robh an tionndadh as miosa de mhalaria air grunn thursan ’na bheatha ghoirid. Adhbharaichidh malaria seoc do rian an fhala no fiù freagairt bhàsmhor on t-siostaim ion-dhìon on bhodhaig agus faodaidh aon seach aon dhiubh bàs a chur air duine. Ma bha droch-ghalar cnàmha air Tutankhamun, cha leigeadh a leas a bhith bàsmhor leis fhèin. Sgrìobh Zahi Hawass, àrc-eòlaich agus ceannard Àrd-chomhairle na h-Èipheit air Àrsaidheachd agus a bha an sàs san rannsachadh “Ma dh’fhaoidte gun robh e a’ strì an aghaidh ghalaran o bhroinn o thùs gus an do bhuail malaria air gu dona no gus an do chuir cas bhriste uiread a spàirn air bodhaig nach b’ urrainn dha seasamh ’na aghaidh tuilleadh”.
Rinn an t-Éipheit-eòlaiche Dr Chris Naunton agus luchd-saidheans o Institiud Cranfield sgrùdadh iar-bhàis biortail air Tutankhamun aig deireadh 2013 agus lorg iad grunn leòintean air leth-taobh a bhodhaig. Rinn luchd-sgrùdaidh thubaistean càr an uairsin dealbhadh mas-fhìor de thubaistean feunan-cogaidh air coimpiutair agus cho-dhùin an Dr Naunton gun deach Tutankhamun a mharbhadh ann an tubaiste le feun-cogaidh, gun do bhuail feun e fhad ’s a bha esan air a ghlùinean agus gun do bhris sin aisnean is a pheilbhis. Thug Naunton sùil air na thuirt Howard Carter cuideachd, gun deach a bhodhaig a losgadh. Còmhla ris an daon-eòlaiche Dr Robert MacConghalaich agus an t-àrc-eòlaiche foireansach Dr Matthew Ponting, rinn iad argamaid gun deach corp Tutankhamun a losgadh fhad ’s a bha e dùinte a-staigh ’na chiste-laighe. Thuirt iad gun do dh’adhbharaich na h-olachan balmachaidh, an t-ogsaidean agus anart iom-obrachadh ceimigeach còmhla, ag àrdachadh an teasa sa chiste os cionn 200°C. Thuirt Naunton “Cha robh dùil againn idir ri gualachadh agus dualachd gun deach am mumachadh cearr agus gun deach an corp ’na theine leis fhèin beagan an dèidh an tìodhlagaidh”[37].
Ach rinneadh barrachd rannsachaidh ann an 2014 agus sheall sin nach robh e coltach idir gun deach a mharbhadh ann an tubaiste le feun-cogaidh. Sheall na sganaichean a rinneadh dhe na cnàmhan briste gun a chlogaid agus a chnàmhan – ach aonan – a bhriseadh an dèidh a bhàis. Chunnacas sna sganaichean gun robh leth chuag-chas aige agus nach b’ urrainn dha seasamh gun taic idir agus leis a sin, nach biodh e coltach idir gun seasadh e ann am feun-cogaidh aig àm sam bith. Tha sin nas coltaiche fhathast leis gun deach iomadh bata-coiseachd a lorg ’na thuama. Cho-dhùin iad gun do dh’adhbharaich iomadh rud a bhàis aig a’ cheann thall – na galaran o bhroinn a fhuair e o phàrantan is iad bràthair is piuthair, droch-bhuaidh na coise bhriste agus am malaria a bha air.[38][39]
Nuair a bhàsaich Tutankhamun agus an dà naoidhean a bha marbh aig àm am breith, thàinig sìol Thutmoses gu crìoch. Tha litrichean Amarna a’ cur ’nar sùilean gun do sgrìobh ùr-bhantrach Tutankhamun gu rìgh Suppiluliuma I nan Hiteach, a’ faighneachd an doireadh e dhi aon dhe mhic ann am pòsadh. Chan eil na litrichean ag innse mar a chaochail Tutankhamun ach tha Ankhesenamun ag ràdh san teachdaireachd gun robh eagal oirre ’s nach pòsadh i fear dhe a muinntir fhèin. Ge-tà, chaidh am mac a mharbhadh mus do ràinig e Ankhesenamun agus beagan an dèidh sin, pòs Ay bantrach Tutankhamun is an dà dhùthaich a-nis a’ cogaidh an aghaidh a chèile gus an dug na Hitich a’ bhuaidh air an Èipheit.[40] Chan eil fhios dè thachair ri Ankhesenamun is chan eil sgeul oirre tuilleadh san eachdraidh. Bha an dàrna bean aig Ay, tè air an robh Tey, ’na h-àrd-bhean rìoghail ’na dèidh. An dèidh bàs Ay, ghabh Horemheb an rìgh-chathair gun chòir agus thòisich e air iomairt damnatio memoriae an aghaidh Ay, athair Tutankhamun, Akhenaten, a leas-mhàthair Nefertiti, a bhean Ankhesenamun agus a leth-pheathraichean is buill eile a theaghlach. Cha deach fiù Tutankhamun a chaomhnadh is chaidh ìomhaighean is ainm a sgrìobadh às an eachdraidh. Cha robh clann aig Horemheb agus dheòin e an rìgh-chathair dha Paramessu a stèidhich an naoidheamh rìghreachas na h-Èipheit, sìol Ramesses.
Bha Tutankhamun naoidh bliadhna a dh’aois nuair a rinneadh phàraoh dheth, mac dia Ra, agus rìoghaich e mu dheich bliadhna.[41] Ann an eachdraidh, tha Tutankhamun cudromach a chionn ’s gun robh e ’na phàraoh nuair a bha an Èipheit cha mhòr aig àirde a neart san t-saoghal agus a chionn ’s gun do dhiùlt e an creideamh ùr a thug athair Akhenaten a-steach.[42] Cuideachd, bha an tuama a lorg Carter ann an Gleann nan Rìghrean cha mhòr slàn, an tuama rìoghail Èipheiteach as slàine a chaidh a lorg a-riamh.
Mar phàraoh, leis gun robh Tutankhamun cho òg, tha teans gun do rinn a vizir agus iar-theachdaiche Ay cuid mhòr dhe na co-dhùnaidhean mòra poileataigeach rè rìoghachadh Tutankhamun.
Bhathar ag urramachadh rìghrean an dèidh dhaibh bàsachadh ann an cultaichean-bàis agus teampaill ach bhathar ag urramachadh Tutankhamun san dòigh sin fhad ’s a bha e beò fhathast, rud nach do thachair gu tric.[43] Lorgadh carragh aig Karnak a tha coisrigte dha Amun-Ra agus tha Tutankhamun ag ràdh air a’ charragh gum b’ urrainnear tagradh maitheanais no tagradh slànachaidh o pheacadh a dhèanamh dha-san ’na riochd diadhaichte. Chaidh teampaill dhan chult seo a thogail fad is farsaing eadar Kawa agus Faras ann an Nubia. Tha ainm piuthair Iar-rìgh Kush a’ gabhail a-staigh iomraidh air ainm an rìgh dhiadhaichte, comharra air cho uile-choitcheann ’s a bha an cult aige.[44]
Chaidh Tutankhamun a thìodhlagadh ann an tuama a bha annasach beag an coimeas ri inbhe. Dh’fhaoidte gun do chaochail e gu h-obann mus deach tuama rìoghail nas spaideile a chrìochnachadh agus gun deach a mhumaidh a chur ann an tuama a bha gu bhith aig cuideigin eile. Bhiodh sin ’na dhòigh gnàthas nan 70 latha eadar bàs is tìodhlagadh a chumail.[45]
Dh’fhastaich George Herbert, 5mh Iarla Caernarfon, an t-àrc-eòlaiche Sasannach Howard Carter ann an 1915 airson tuama Tutankhamun ann an Gleann an Rìghrean agus b’ esan a thug seachad am maoineachadh air a shon. An dèidh rannsachadh siostamataigeach, lorg Carter an tuama (KV63) san t-Samhain 1922.[46]
Tha mumaidh Tutankhamun ’na thuama ann an Gleann an Rìghrean a-rithist a-nis. 85 bliadhna an dèidh dha Carter a lorg, air a’ 4mh latha dhen t-Samhain 2007, chaidh a’ phàraoh a thoirt a-mach às a chiste-laighe òir a agus a chur ’na thuama fon talamh aig Luxor ach ann an ciste-ghloine shònraichte a bhacas crìonadh a’ mhumaidh a thigeadh an cois taisead is teas an luchd-turais a bhios a’ tadhal air an tuama.[47]
Bhris mèirlich a-steach dhan tuama co-dhiù dà thuras o shean ach a-rèir nan rudan a chaidh a ghoid (mar olachan is cungaidhean cùbhrais) agus ath-shlànachadh follaiseach an tuama an dèidh sin, tha e soilleir gun do thachair seo beagan mhìosan an dèidh an tìodhlagaidh thùsail air a’ char as fhaide.
Chaidh an tuama a leigeil air dhìochuimhne an uairsin leis gun deach a chòmhdachadh le spealagan cloiche, an dàrna cuid o thuaman eile a chaidh a chladhadh ’na dhèidh air neo tuiltean a dh’fhàg ann iad. Chaidh fiù bothain do luchd-obrach a thogail os cionn doras an tuama, gu soilleir gun dad a dh’fhios aca gun robh tuama Tutankhamun fodhpa. Nuair a chaidh àitichean-adhlacaidh nam phàraoh a sgriosadh a dh’aona-ghnothaich aig deireadh 20mh rìghreachas na h-Èipheit, cha deach tuama Tutankhamun a sgrios idir, ma dh’fhaoidte a chionn ’s nach robh cuimhne air ionad tuilleadh aig an àm sin agus/no a chionn ’s nach robh cuimhne air ainm tuilleadh.
Mhair fathannan mu “mhallachd nam phàraoh” (’s dòcha ’ga phiobrachadh le pàipearan-naidheachd a bha airson barrachd phàipearan a reic nuair a chaidh an tuama a lorg)[48] fad iomadh bliadhna, a’ cumail a-mach gun do bhàsaich an fheadhainn a chaidh a-steach dhan tuama gu math tràth. Ach sheall rannsachadh nach do bhàsaich ach ochdnar am broinn 12 bhliadhna on deach an tuama agus a’ chiste-laighe òir fhosgladh à 58. Bha an corr beò fhathast, a’ gabhail a-staigh Howard Carter a chaochail an cois aillse na limfe ann an 1939 nuair a bha e 64.[49][50] Bhàsaich am fear mu dheireadh dhiubh, an t-àrc-eòlaiche Aimeireaganach J.O. Kinnaman ann an 1961, 39 bliadhna an dèidh fosgladh an tuama.[51]
Chaidh 5,38 rud a lorg san tuama, a’ gabhail a-staigh ciste-laighe a bha gu tur de dh’òr, aghaidh-choimheach Tutankhamun, rìgh-chathraichean, boghannan, trombaidean Tutankhamun, cuach lòtais, biadh, fìon, cuarain agus fo-aodach anairt ùr. Thug Howard Carter 10 bliadhna a’ deasachadh catalog de gach rud.[52] Tha obair-rannsachaidh ùr a’ cur ’nar sùilean gun deach biodag Tutankhamun a dhèanamh de dh’iarainn meatoraid agus thathar an dùil gu bheil fiosrachadh eile ri thighinn mu theicneolas obrach-meatailt ann an dùthchannan na Mara Mheadhanach san àm ri teachd.[53][54][55][56]
A-rèir Nicholas Reeves, tha cha mhòr 80% dhen bhathar-tìodhlacaidh aig Tutankhamun a’ tighinn o thìodhlacadh na phàraoh bhoireann Neferneferuaten, a’ gabhail a-staigh na h-aghaidh-choimheach òir ainmeil, na ciste-laighe mheadhanach, na meanbh chiste-laighe, badan dhe na panailean òir, nan ìomhaighean shabti, na bogsaichean is cisteachan, na seudraidh rìoghail is mar sin sìos.[57][58] Dh’fhoillsich Reeves fianais ann an 2015 a sheall gun robh ainm eile ann an cartouche air aghaidh-choimheach òir ainmeil Tutankhamun agus gum b’ e “Ankheperure mery-Neferkheperure” (’s e sin Ankheperure, mùirneach le Akhenaten) an t-ainm a bha ann roimhe agus leis a sin, gun deach an aghaidh-choimheach a dhèanamh dha Nefertiti o thùs, prìomh-bhànrigh Akhenaten air an robh an t-ainm rìoghail Ankheperure nuair a ghabh i an rìgh-chathair an dèidh bàs an duine aice.[59]
Tha an car seo a’ cur ’nar sùilean gun deach Neferneferuaten (cha lughaid gum b’ ise Nefertiti ma ghabh i an rìgh-chathair an dèidh bàs Akhenaten) a chur às an rìgh-chathair ri linn còmhstri agus nach deach tìodhlacadh rìoghail a bhuileachadh oirre – air neo gun deach ise a tìodhlacadh le bathar-tìodhlacaidh rìgh eile, ma dh’fhaoidte an fheadhainn aig Akhenaten fhèin, le oifigearan Tutankhamun on a thàinig Tutankhamun ’na dèidh mar phàraoh.[60]
Mas e Tutankhamun a’ phàraoh as ainmeil san t-saoghail, choisinn e an t-urram seo gu ìre mhòr a chionn ’s gu bheil a thuama am measg na feadhainn as slàine agus gun deach am bathar-tìodhlacaidh aige a thaisbeanadh gu tric is farsaing. Mar a sgrìobh Jon Manchip White ’na ro-ràdh airson tionndadh 1977 dhen leabhar aig Carter, The Discovery of the Tomb of Tutankhamun, “Ged nach robh ach meas glè bheag air mar phàraoh fhad ’s a bha e beò, ’na bhàs tha e a-nis a’ phàraoh as ainmeile”.
’S e naidheachd mhòr a bha san tuama sna 1920 agus dh’fhàs meas nan daoine air cùisean co-cheangailte ris an Èipheit àrsaidh, eadar òrain mar “Old King Tut” le Harry Von Tilzer às a’ bhliadhna 1923, a chaidh a chlàradh le luchd-ciùil ainmeil an ama mar Jones & Hare agus Sophie Tucker. Nochd “King Tut” ann an ainmean bathair, gnìomhachasan agus bha fiù peata coin aig Ceann-suidhe nan SA, Herbert Hoover air an robh an t-ainm.
Tha na buill àrsaidh à tuama Tutankhamun am measg na feadhainn a shiubhail fad is farsaing eadar ceithir ceàrnan an t-saoghail. Thadhail iad air iomadh dùthaich ann an iomadh taisbeanadh ach is dòcha gum b’ e turas The Treasures of Tutankhamun am fear as ainmeile a ruith eadar 1972 is 1979. Dh’fhosgail e ann an Lunnainn ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn an toiseach eadar an 30mh latha dhen Mhàrt 1972 gu deireadh na Sultaine. Chunnaic barrachd air 1.6 millean duine an taisbeanadh agus b’ fheudar do chuid feitheamh suas ri 8 uairean a thìde. B’ e seo an taisbeanadh as fèillmhoir ann an eachdraidh an taighe-thasgaidh a-riamh. Thadhail an taisbeanadh an uairsin air iomadh dùthaich eile, eadar na SAA, an USSR, an t-Seapan, an Fhraing, Canada agus a’ Ghearmailt an Iar. B’ ann an Metropolitan Museum of Art a bha taisbeanadh sna Stàitean Aonaichte agus eadar an 17mh dhen t-Samhain 1976 agus an 15mh dhen Ghiblean 1979, thadhail barrachd air 8 millean duine air an taisbeanadh
Bha iomadh taisbeanadh eile ann an dèidh sin, mar Tutankhamun and the Golden Age of the Pharaohs, Tutankhamen: The Golden Hereafter ach chan eil aghaidh-choimheach òir Tutankhamun a’ nochdadh ann an taisbeanaidhean mun phàraoh òg tuilleadh oir cho-dhùin Riaghaltas na h-Èipheit gu bheil e ro bhrisg agus gu bheil teans gum briseadh e agus nach fhàgadh e, ri linn sin, an dùthaich a-rithist gu bràth.[61]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.