From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eadar Cluj-Napoca agus Sighișoara, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Târgu Mureș (IPA: ˈtɨrɡu ˈmureʃ, Ungairis: Marosvásárhely, IPA: ˈmɒroʃvaːʃaːrhɛj, Gearmailtis: Neumarkt am Mieresch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureș, aig 320m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Mureș. Tha 134,290 duine a' fuireach ann.[1]
Târgu Mureș Marosvásárhely
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Mureș | ||||
Co-chomharran | 46° 32 44' Tuath 24° 33 45' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 49.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 134,290 (2011) | ||||
Dlùths | 2,723.94/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 65 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S ann às an fhacal търг (Gàidhlig: Margaidh) ann am Bulgàiris agus an na h-Aibhne Mureș s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1332 mar Novum Forum Siculorum agus an uair sin mar Sekulvasarhel ann an 1349. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[3] B' ann ann an Târgu Mureș far a chruinnicheadh Pàrlamaid Transilvania fad nan linntean.[4] Thug a' Phlàigh buaidh uabhasach fhèin làidir air Târgu Mureș ann an 1707, nuair a chaochail 3,500. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Stèidhich A' Ghearmailt Nàsach ghetto Iùdhach an seo ann an 1944, mar phàirt an Uile-losgaidh.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.