From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile meadhannach eadar Brașov agus Târgu Mureș, ann an cridhe Romàinia a th' ann an Sighișoara (IPA: ˈsiɡiˈʃo̯ara, Ungairis: Segesvár, IPA: ˈʃɛɡɛʃvaːr, Gearmailtis: Schäßburg/Schäsbrich, IPA: ˈʃɛsbʊʁk, Iùdais: שעסבורג). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Târnava Mare, aig 380m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Mureș. Tha 28,102 duine a' fuireach ann.[1]
Sighișoara Segesvár Schäßburg שעסבורג
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Mureș | ||||
Co-chomharran | 46° 13 14' Tuath 24° 47 30' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 113.47 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 28,102 (2011) | ||||
Dlùths | 247.66/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 65 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S ann às an fhacal vár (Gàidhlig: cathair) ann an Ungairis agus ainm seann tuineachadh nan Daci air an robh Sandava s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann às an fhacal sechs (Gàidhlig: sia). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1191 mar Castrum Sexum agus an uair sin mar Schespurch ann an 1298. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Sighișoara nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[4] Ghabh am baile ris an Ath-Leasachadh agus na sgrìobh Màrtainn Lùtair ann an 1550.[5] Thug a' Phlàigh buaidh uabhasach fhèin làidir air Sighișoara san 17mh Linn, nuair a chaochail lrth chuid muinntir a' bhaile. Fhuair Sándor Petőfi, Gaisgeach rèabhlaid na h-Ungaire bàs an seo aig Blàr Segesvár, air 31 an t-Iuchar 1849.[6] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.