From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e An Soillseachadh (Fraingis: Les Lumières; Gearmailtis: Aufklärung; Beurla: Enlightenment; Eadailtis: Illuminismo) gluasad feallsanachail, poiliteagach agus sòisealta a thòisich anns An Fhraing, Alba A’ Ghearmailt agus Sasainn is a sgaoil às an sin gu ruige na Roinn Eòrpa air fad agus na Stàitean Aonaichte anns an 18mh Linn, neo Linn an t-Solais mar a chanadh e. Chan atharrachadh làmhachas làidir[1] ann an siostam poiliteagach na Roinne Eòrpa fad na linne sin idir, gu seachd àraidh anns An Fhraing.[2] A dh’aindeoin sin, dh’adhbharaich an dà chuid fàs an eaconomaidh is an t-sluaigh agus smuaintean an t-Soillseachaidh sreath dhe tachartasan a thug làmh an uachdair dha na bùirdeasaich,[3] gu sònraichte Ar-a-mach na Frainge agus an Tionndadh-gnìomhachais. Tha an t-ainm Soillseachadh, ann an cànan air choireigin, a’ sealltainn gu robhar airson reusanachd an àite baoth-chreideamhan agus aineolas a brosnachadh.[4] Thathar dhen bheachd gun do mhair an gluasad sin fad an 18mh, ged an robh gluasadan inntleachdail ann eile cuideachd aig an aon àm. Chuir Cogaidhean na Frainge crìoch air an t-Soillseachadh gu grad.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.