Sir John Ross CB

From Wikipedia, the free encyclopedia

Sir John Ross CB

B' e oifigear a' chabhalaich, seòladair agus taisgealaiche Pòla a Tuath à Alba a bh' ann an Sir John Ross CB (Cill Choluim, 24 an t-Ògmhios 1777 - Lunnainn, 30 an Lùnastal 1856).[1] Thogadh e ann am baile beag air iomall na Sròine Reamhaire,ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach gu math bùirdeasach: bha athair na mhinistear agus bha a sheanair na phrobhaist. Ghabh e anns a' Chabhalach nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois agus bha e an sàs ann an trì cogaidhean: Cogadh an Dàrna Co-bhanntachd (1798-1802), Cogadh an Treas Co-bhanntachd (1803-1806), agus An Cogadh Angla-Ruiseanach (1807-1812).[2] A bharrachd air sin, rinn e trì triallan do Phòla a Tuath, ann an 1818, 1829 agus 1850. Chuir e seachad trì bliadhna eile air fo-fhastadh do Chabhlach na Suaine. Bha e na àrd-mharaiche-deiridh nuair a chaochail e ann an Lunnainn ann an 1856.[3]

Quick Facts Beatha, Breith ...
Sir John Ross CB
Thumb
Beatha
Breith An t-Sròn Reamhar, 24 dhen Ògmhios 1777
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Rìoghachd na Breatainne Mòire
Bàs Lunnainn, 30 dhen Lùnastal 1856
Àite-adhlacaidh Cladh Kensal Green
Teaghlach
Athair Andrew Ross
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche, oifigear a' chabhlaich, peantair, oifigear, polar explorer (en) agus lus-eòlaiche
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm An Cabhlach Rìoghail
Ìre rear admiral (en)
captain (en)
lieutenant (en)
Close

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.