From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Sgìreachd-easbaig agus aon de na làraich eachdraidheil as cudromaiche san dùthaich 's a th' ann an Skálholt.[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas Innise Tìle, faisg air Selfoss, ann an Bláskógabyggð, san roinn Suðurland (Roinn a Deas), ri taobh na h-Aibhne Hvítá. Tha an t-ainm a' ciallachadh Lag an Àrois sa chànan aca, bho Skála (Àros) agus Holt (lag). Ghabh an dùthaich ri Criosdaidheachd anns an 11mh Linn, pròiseas ris an canadh Kristnitakin (Gàidhlig: Crìosdachadh Innis Tìle).[2] Chuireadh air dòigh dà sgìreachd-easbaig, Hólar ann an Hjaltadalur ann an 1106, a tha suidhichte ann an taobh tuath na dùthcha agus Skálholt fhèin, ann an 1056. Chaidh Skálholt a thaghadh o chionns gu robh e gu math faisg air Þingvellir, far an robh pàrlamaid na duthcha (Innis-Tìlis: Alþingi). Chuireadh Skálholt ri chèile le Hólar ann an aon sgìreachd-easbaig nàiseanta ann an 1801. Chaidh eaglais a thogail ann an Skálholt goirid às deidh na ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich agus an sin shuidh a' chiad easbaig ann an Innis Tìle. Bha Skálholt na phrìomh-bhaile na dùthcha fad timcheall air 750 bliadhna, agus b' ann an an seo a chaidh a' chiad sgoil fhosgladh ann an Innis Tìle, air an robh Skálholtsskóli.[3] Tha fios gun robh timcheall air 1,200 neach a' fuireach ann an Skálholt, am baile as motha aig an àm.
Skálholtsbiskupa Sgìreachd-easbaig Skálholt | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1056 agus 1919 |
Dùthach | Innis Tìle |
Creideamh | Lùtaireachd |
Eaglais | Eaglais Chaitligeach (1056 - 1540), Þjóðkirkjan 1540 |
làrach-lìn | Duilleag Oifigeil |
Seo na easbaigean a bh' ann fhad 's a bha an dùthaich fhathast fo sgàil na h-Eaglaise Chaitligiche.
Seo liosta nan easbaigean on a ghabh an dùthaich ri Lùtaireachd.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.