From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e buidheann phoiliteagach, phoileasail phrìosanail, thèarainte fo armachd anns A' Ghearmailt Nàsach a bh' anns na Schutzstaffel (IPA: ˈʃʊtsˌʃtafəl, Gàidhlig: Sguadranan Dìona, ainm goirid: SS, rùn-sgrìobhadh: ᛋᛋ ).[1] Bha na SS fo stiùir Adolf Hitler agus am Pàrtaidh Nàsach agus leanadh iad ideòlas Nàsach. Bha na SS air an roinneadh ann an dà fho-bhuidheann:
Schutzstaffel | |
Facal Suaicheantais | Meine Ehre heißt Treue
'S ònoir mo dhìsle |
Stèidhichte | 4 an Giblean 1925 |
Suidheachadh | Prinz-Albrecht-Straße, Berlin |
Anns a' chiad dol a-mach cha robh iad an sàs ach anns A' Ghearmailt ach mean air mhean shìn iadsan air feadh na Roinn-Eòrpa far an robh làimh an uachdair aig na Nàsaich aig àm An Dàrna Cogaidh. Aig an toiseach-tòisichidh cha b' ann ach buidheann geàird bheag de bhuill an NSDAP air an robh Saal-Schutz (Gàidhlig: Dìona-talla), a dhèanadh obair tèarainteachd aig coinneamhan a' Phàirtidh ann am München.[2] Ach, air 4 an Giblean 1925, gabh Heinrich Himmler os làimh iad agus leasaich e iad agus chuir e ainm ùr orrasa. Fo stiùir Himmler (1929 - 1945) an àite na buidheann bheag dh' fhàs iad seo a bhith a-measg nan buidhnean na bu chuthachaile sa Ghearmailt Nàsach. Bho 1929 gus an tàinig Nàsachd sìos ann an 1945, b' e na SS a bh' anns a' bhuidheann na bu chudromaiche a bha an urra ri tèarainteachd, rannsachadh agus uath anns A' Ghearmailt agus na Roinn-Eòrpa a bha fo sgàil na Swastika.[3] Bha na SS nabh mhiosa na càch tron Uile-losgadh, is iad ri murt agus tràilleachd den h-uile sèorsa.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.