From Wikipedia, the free encyclopedia
'S ann ann an teaghlach-chànan Fionno-Ugrach (Finno-Ugric) a tha Sàmais. 'S e Laplannais neo Lapais a thathas a' toirt oirre cuideachd. Tha e ga bruidhinn ann an Ceann a Tuath Lochlainn, a' gabhail a-steach Nirribhidh, an t-Suain, Suòmaidh agus pìos beag dhen Ruis.
Sàmais | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
| |
Teaghlach-chànan |
Uralic
| |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | ann an cuid roinnean de Nirribhidh, dh' Fhionlainn is den t-Suain | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | se (Sàmais Tuathach) | |
ISO 639-2 | sma, sme, smi, smj, smn, sms | |
ISO 639-3 | iomadh:
| |
Sàmais Tuathach: 17,000 Sàmais Lule: 2,000 Sàmais an Deasach: 500 Chan eil ach leth phàirt dhiubh comasach air an cànan a sgrìobhaidh agus a leughaidh.
Do na Sàimi fhèin 's e Sàimi a th' ann an duine aig a bheil Sàmais no aig a bheil pàrantan no sinnsearan le Sàmais. Mar sin tha an fhèin-aithne ceangailte ris a' chànan agus a' chinneachd.
‘S e cànan Finno-Iugraig a th‘ ann an Sàmais. Tha e a‘ tighinn fon mheur Fionach agus tha Sàmi fhèin a‘ dealachadh gu Sàmais an Ear agus Sàmais an Iar. Tha cuid a dèanamh diofar eadar Sàmi an Iar, an Ear agus an Tuath. An-diugh tha naoi cànanan Sàmais air fhàgail:
1. Sàmais Deasach
2. Sàmais Ume
3. Sàmais Pite
4. Sàmais Lule
5. Sàmais Tuathach
7. Sàmais Inari
6. Sàmais Skolt
8. Sàmais Kildin
9. Sàmais Ter
B' àbhaist Sàmais Kemi agus Sàmais Akkala a bhith ann cuideachd.
Chan eil eòlaichean ag aontachadh an e cànanan no dualchainntean a th‘ anns na cànanan Sàimi.
‘S e cànan le gràmair iomadh-fillte a th‘ ann an Sàmais. Tha 7 no 8 tuislean aice (a rèir dualchainnt). ‘S e cànan agglutinative a th‘ ann, a tha a‘ ciallachadh gun tèid pìosan a chur gu deireadh an fhacail airson diofar ciall a chur air an rann.
Tha eachdraidh chruaidh aig na Sàmi agus le duilgheadasan an cultar aca a chumail beò, bha duilgheadasan ann an cànan a chumail. Anns an 19mh linn bha iomadh lagh an aghaidh na Sàmais agus bho 1913 gu 1920 cha robh an cànan ceadaichte ann an sgoiltean nan siùbhladairean-inilt.
Ach thòisicheadh barrachd cuideim chultarail a thoirt don chànan agus chaidh achdan cànain a chur an cois.
An-diugh tha riaghaltasan nan dùthchannan a‘ mothachadh gleidhean a' cànain agus a' cultair, agus thòisicheadh air taic airgid a thoirt dhan Sameting airson cànan is cultar a bhrosnachadh.
Tha còir aig gach pàiste ann an Sapmi (ach anns an Ruis) foghlam bun-sgoile agus toiseach àrd-sgoile fhaighinn tro mheadhan na Sàimis. Chan eil mòran àrd-sgoiltean Sàmi ann fhathast air sgàth 's nach eil tidsearan gu leòr ann. Tha na planaichean teagaisg a’ gabhail a-steach cuspairean cultarail Sàmi. Tha Colaiste Sàmi ann an Kautokeino.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.