From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs Albannach agus Rùnaire a' Chaibineit ann an Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Ròsanna Choineagan, BPA (Beurla: Roseanna Cunningham).
Rugadh i air 27 an t-Iuchar 1951 ann an Glaschu agus thogadh i ann an Lodainn an Ear, Dùn Èideann agus Astràilia.[1] Bha i na h-oileanach ann an Oilthigh Astràilia an Iar agus Oilthigh Dhùn Èideann.
Mar BhP sheas i airson ceannardas a' Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an dèidh do Iain MacShuibhne a leigeil a dhreuchd suas ach chaill i do Ailig Salmond. Bha i na dàrna àite os cionn Mìcheal Ruiseal.[2]
Tha i na BPA airson Siorrachd Pheairt a Deas agus Siorrachd Cheann Rois agus bha i na Rùnaire a' Chaibineit airson Obrach Chothromach, Sgilean agus Trèanadh ron iomlaid dreuchd air buill chaibineit ann an 2016. Tha i nise na Rùnaire a' Chaibineit airson Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.