From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e port[1] agus baile meadhanach na Fraingeann an Guadeloupe, thall anns a’ Mhuir Cairibianach, a th’ ann Pointe à Pitre (IPA: pwɛ̃tapitʁ, Creole: Lapwent, lapwɛ̃t). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1764 le Gabriel de Clieu, riaghladair an eilein aig an àm. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara[2] 546km air falbh bho San Juan agus 6,752km bho Pharis, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 17,541 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, agus 171,362 anns an sgìre air fad.[4] Tha gnothaichean turasachd agus gnìomhachas a’ phuirt gu math làidir an seo,[5] a bharrachd air an àiteachais, gu seachd àraidh banana, cofaidh, siùcar agus còco. ‘S ann às an fhacal Spàinntis Pitera[6] (Agave) a thàing an t-ainm Pointe à Pitre. Le sin, tha an t-ainm a’ ciallachadh Rubha Agave.
Pointe-à-Pitre
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ceàrn | Guadeloupe | ||||
Sgìre | Pointe à Pitre | ||||
Co-chomharran | 61° 53’ Tuath 16° 24′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2.26 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 17,362 (2008) | ||||
Dlùths | 7,682.3/km² | ||||
Àireamh fòn | + 590 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha Pointe-à-Pitre air an àirde an iar-dheas an eilein Grande-Terre, ri beulaibh na Mara Chairibianaich, ann an àite spaideil ann am meadhan Ghuadeloupe, dìreach ri taobh na h-aibhne Salée (Fraingis: Saillte), eadar Grande-Terre agus Basse-Terre Island. Tha trì bailtean eile mu thimcheall Pointe-à-Pitre: Les Abymes, Baie-Mahault agus Le Gosier. Tha Pointe-à-Pitre fhèin suidhichte air binnean chloich-aoil, le deagh bhàigh ris a bheulaibh, Petit Cul-de-Sac Marin.
Mar iomadach baile air an àirde an ear A’ Chairibian, bidh an t-uisge a’ dòrtadh os cionn Phointe-à-Pitre gu cunbhalach tron bhliadhna, ged am bidh e nas fhliche eadar An t-Iuchar agus An t-Samhain, nuair a bhios stoirmean mòra ann. Gheibh am baile 1500mm –2000mm dhe uisge gach bliadhna. Tha e gu math teth, le teodhachd mheadhanach dhe mu 32 °C fad an latha agus 20 °C fad na h-oidhche.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.