From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eadar Buzău agus Pitești, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann am Ploieşti (IPA: ˈploˈjeʃtʲ, seann dòigh sgrìobhaidh: Ploeşti, Bulgàiris: Плоещ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Dâmbu, aig 160m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Prahova. Tha 209,945 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an 9mh baile nas motha na dùthcha 's th' ann.
Ploieşti Плоещ
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Prahova | ||||
Co-chomharran | 44° 56 19' Tuath 21° 01 21' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 58.28 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 209,945 (2011) | ||||
Dlùths | 3,602.35/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 40 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1567. Bhuinneadh e do Țara Românească bho 1330 gu guige 1856, ged a bha na e na bha na bho shaor fad greiseag ann an 1870 cuideachd, an dèidh ar-a-mach air an robh Republica de la Ploiești (Gàidhlig: Poblachd Phloieşti). B' ann ann am Ploieşti 's a bha feachdan Mihai Viteazul air an gearastanachadh ann an 1597. Anns An Dàrna Cogadh thug plèanaichean-cogaidh Aimearaganach, Breatainneach agus Sobhiatach ionnsaidh air a' bhaile gu cunbhalach o chionn's gu robh achaidhean-peatroil san sgìre. Rinneadh sgrios air 55% nan toglaichean sa bhaile.[2] Bha an t-ainm air atharrachadh bho Ploeşti gu Ploieşti an dèidh a' chogaidh.
À rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (199,221) agus mion-chuidean Rroma (1289), Ungairianaich (109), Gearmailtich (69), Ruisianaich (44) agus Ucràinianaich (8) a' fuireach ann am Ploieşti.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.