From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) air an àirde an iar Poblachd nan Seiceach a th' ann an Olomouc (IPA: olomou̯t͡s, Gearmailtis: Olmütz, Pòlais: Ołomuniec). Tha Olomouc suidhichte eadar Ostrava agus Brno, san roinn (Seacais: kraj) Olomoucký, ri taobh na h-Aibhne Morava, aig 219m os cionn ìre na mara. Tha 100,378 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an siathamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Olomouc
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Olomouc-město | ||||
Sgìre | Olomoucký kraj | ||||
Co-chomharran | 49° 35 38' Tuath 17° 15 30' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 103.36 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 100,378 (2017) | ||||
Dlùths | 971.15/km² | ||||
Àireamh fòn | + 585 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.olomouc.eu |
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1017, ged a tha rannsachadh air a dhèanamh le àrc-eòlaichean a' sealltainn gu robh clachan ann linntean roimh sin. Bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Chaill na Mongolaich cath an seo ann an 1235.[2] An àite Bohemia agus Moravia, thug iad ionnsaigh air An Ungair. Mharbhadh an Righ Václav III an seo ann an 1306, rud a chuir crìoch air rìoghrachas nam Přemyslid.[3] Dh'fhàs Olomouc gu math beairteach anns na meadhanan aoisean tro mhalairt agus fiù 's bha am baile a' feuchainn ri Brno ach chuir buaidh Cogadh nan 30 bliadhna às do mhalairt. Ghabh muinntir Olomouc ris an Ath-Leasachaidh agus bha iad nam prostanaich gu ruige an 18mh linn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.