From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e Nicolaus Copernicus (Gearmailtis: Nikolaus Korpernikus, Pòlais Mikołaj Kopernik) a’ chiad reul-eòlaiche anns an Roinn Eòrpa a sgrìobh teòiric phuncail mu An Crios-grèine agus riochdaire dioplòmasach. Dh’fhoillsich e an leabhar: De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Canar gun do thòisich reul-eòlas ann an nòs ùr air sgàth an leabhair sin.
Nicolaus Copernicus | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Niklas Koppernigk |
Breith | Toruń, 19 dhen Ghearran 1473 |
Dùthaich |
Rìoghachd na Pòlainn no value A' Phruis Rìoghail |
Àite-fuirich |
Toruń Frombork Kraków Padova Bologna |
Ciad chànan | Middle Low German (en) |
Bàs | Frombork, 24 dhen Chèitean 1543 |
Àite-adhlacaidh | Bàislig Àrd Chathair-eaglais Àrdachadh Moire agus Naomh Anndra ann am Frombork |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stròc) |
Teaghlach | |
Athair | Mikolaj Kopernik the Elder |
Màthair | Barbara Koppernigk |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Jagiellonian (1491 (Gregorian) - 1495 (Gregorian)) Oilthigh Bhologna (1496 (Gregorian) - 1500 (Gregorian)) Oilthigh Phadua (1501 (Gregorian) - 1503 (Gregorian)) Oilthigh Ferrara (1503 (Gregorian) - 1503 (Gregorian)) Doctor of Canon Law (en) |
Stiùiriche an teusais |
Domenico Maria Novara da Ferrara (en) Leonhard von Dobschütz (en) |
Oileanaich dotaireachd | Georg Joachim Rheticus |
Cànain |
renaissance Latin (en) Middle Polish (en) Middle Low German (en) Grèigis Laideann Pòlainnis |
Luchd-teagaisg |
Antonio Urceo (en) Albert Brudzewski (en) Domenico Maria Novara da Ferrara (en) Leonhard von Dobschütz (en) |
Oileanaich | Georg Joachim Rheticus |
Dreuchd | |
Dreuchd | reul-eòlaiche, lagh-eòlaiche, eaconamaiche, matamataigear, legal scholar (en) , fiosaigiche, feallsanaiche, eadar-theangair, lighiche, dioplomat, sgrìobhadair, canan agus canon (en) |
Àitichean-obrach | Frombork |
Fastaichean |
Oilthigh Phadua Oilthigh Jagiellonian |
Obraichean comharraichte |
Commentariolus (en) De revolutionibus orbium coelestium (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Aristarchus of Samos (en) , Martianus Capella (en) , Domenico Maria Novara da Ferrara (en) , Ptolomaidh, Aristoteles, Al-Battani (en) agus Nasir al-Din al-Tusi (en) |
Creideamh | |
Creideamh |
Caitligeachd Eaglais Chaitligeach |
Rugadh Nicolaus Copernicus air 19mh Gearran, 1473 ann an Toruń, Rìoghachd na Pòlainn (1385 - 1569) anns an t-seann dùthaich, A’ Phruis. Eadar 1491 is 1494 bha e a' dol gu Oilthigh Jagiellonian ann an Kraków. An uair sin chaidh e don Eadailt. An toiseach bha e ann an Oilthigh Bhologna, far an do dh’ionnsaich e lagh agus reul-eòlas. An dèidh sin, chaidh e gu Oilthigh Phadua ann am Padova, far an do dh’ ionnsaich e a bhith na dhotair. Chuir e an cuid as motha den bheatha aige seachad ann an Frombork/Ermland ri taobh a' Mhuir Baltach. Bha e ag obair mar fhear-lagha, dotair, luchd-obrach clèireil, riaghladair, neach-chomhairle agus neach-rèite.
Anns an 16mh linn bha am mòr-shluagh agus an Eaglais Caitligeach den bheachd gun robh an Saoghal ann am meadhan fànais (Siostam cruinn-meadhanach). Ach bho àm gu àm nochdadh beachdan eile: Is dòcha gur e A' Ghrian a th' aig cridhe fànais (siostam grian-mheadhanach). Mar sin dheth, cha robh na beachd-smaointean aig Copernicus cho ùr sin. Bha reuladairean a’ sgrìobhadh mu dheidhinn bho chionn linntean:
Chuala Copernicus mun t-siostam Greugach nuair a bha e anns an Eadailt. Rinn e rannsachadh airson faighinn a-mach mu ghluasad nam planaidean. Mar sin dheth, b’ e Copernicus a' chiad reul-eòlaiche aig an robh siostam matamataigeach gu math mionaideach mu heliocentrism. Thuirt esan gu bheil a’ ghrian anns an aon àite agus gu bheil an Saoghal agus na planaidean eile a’ cuartachadh na grèine. Rinn Kepler obair a bharrachd air an t-siostaim sin. Ach b' e Galileo Galilei am fear a chaidh le teòiric Chopernicus an aghaidh na h-Eaglaise Caitligich (1610 - 1633).
Ann an 1510 sgrìobh Copernicus leabhar beag Commentariolus (Litte Commentary), anns an do thug e seachad na beachdan ùra aige. Thòisich e air sùil gheur a chumail air gluasad nam planaidean airson a dhèanamh cinnteach gun robh an teoiric aige ceart. Bha e ag obair gu math cruaidh fad bliadhnaichean agus chruinnich e na smaointean aige ri chèile ann an leabhar De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Ach bha Copernicus ro dhiùid an leabhar aige fhoillseachadh. Ann an 1539 thachair e ri Georg Joachim Rheticus, (sgoilear Mhelanchthon agus ollamh matamataig à Wittenberg). Chunnaic Rheticus dè cho math 's a bha an leabhar agus thug sin misneachd do Chopernicus. Mu dheireadh thall, dh'aontaich Copernicus an leabhar a chlò-bhualadh. Bha e deiseil dìreach mus do chaochail e air 24mh Cèitean, 1543 ann an Frombork.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.