Remove ads

B' e neach-poileataigs Afraganach agus a' chiad Cheann-suidhe dubh a bh' aig Afraga a Deas a-riamh a bha ann an Nelson Rolihlahla Mandela (IPA: xoˈliːɬaɬa manˈdeːla, far-ainm san treubh aige: Madiba,Mvezo,[1] 18 an t-Iuchar 1918Johannesburg[2], 5 an Dùbhlachd 2013)[3] Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt an aghaidh sgaradh-cinnidh (apartheid) ann an Afraga a Deas.

Quick Facts ball Seanadh Nàiseanta Afraga a Deas, 10. Ceann-suidhe Afraga a Deas ...
Nelson Mandela
Thumb
ball Seanadh Nàiseanta Afraga a Deas


10. Ceann-suidhe Afraga a Deas

10 dhen Chèitean 1994 - 14 dhen Ògmhios 1999
F. W. de Klerk - Thabo Mbeki
19. Àrd-rùnaire a' Ghluasaid Neo-thaobhaichte

2 dhen t-Sultain 1998 - 1999
Andrés Pastrana Arango - Thabo Mbeki
Beatha
Ainm slàn Rolihllahla Mandela
Breith Mvezo, 18 dhen Iuchar 1918
Dùthaich  Afraga a Deas
Àite-fuirich Houghton Estate (en) Translate
Ciad chànan Xhosa (en) Translate
Bàs Houghton Estate (en) Translate, 5 dhen Dùbhlachd 2013
Àite-adhlacaidh Qunu
Nàdar a’ bhàis  (respiratory disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair Gadla Henry Mphakanyiswa
Màthair Nosekeni Fanny
Cèile Evelyn Mase (en) Translate  (5 dhen Dàmhair 1944 -  19 dhen Mhàrt 1958)
Winnie Madikizela-Mandela (mul) Translate  (14 dhen Ògmhios 1958 -  19 dhen Mhàrt 1996)
Graça Machel (en) Translate  (18 dhen Iuchar 1998 -  5 dhen Dùbhlachd 2013)
Clann
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Witwatersrand
Oilthigh Afraga a Deas Baidealair nan Ealan
University of Fort Hare (en) Translate
Oilthigh Lunnainn
Cànain Beurla
Xhosa (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, fèin-bheatha-eachdraiche, neach-lagha, neach-iomairt poileataigeach, political prisoner (en) Translate agus sgrìn-sgrìobhaiche
Àitichean-obrach Afraga a Deas
Obraichean comharraichte Long Walk to Freedom (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Luis Taruc (en) Translate
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Creideamh
Creideamh Meathodachd
Pàrtaidh poileataigeach Mòr-dhàil Nàiseanta Afraga
South African Communist Party (en) Translate
IMDb nm0541691
nelsonmandela.org
Thumb
Close
Remove ads

Beatha pearsanta

B' e Rolihlahla Dalibhunga Mandela an làn ainm aige.[4] Ged an do rugadh Mandela ann am Mveso, thogadh e ann an Qunu, o chionn 's gun do chuireadh athair, Gadla Henry Mphakanyiswa, às a dreuchd mar ceann-feadhna. Chaochail athair nuair a bha Mandela naoi bliadhna a dh'aois.[4] Mar iomadach bhuill dhen iomairt an aghaidh Apartheid, 's e isiXosa[5] an cànan a fhuair e bho ghlùn.

Bha e pòsta ri triùir bhoireannach na bheatha. Phòs e a chiad bhean, Evelyn Mase, ann an 1944 agus bha triùir chloinne aca. Dhealaich iad ann an 1957.[6] Phòs e Winnie Madikizela ann an 1958. [7] Dhealaich iad ann an 1992 as dèidh gun deach Winnie fhaighinn ciontach fo chasaidean gun tug i daoine am bruid.[8] Phòs e an treas turas ann an 1998 ri Graca Machel nuair a bha e 80 bliadhna a dh'aois.[9]

Remove ads

Beatha obrach

Chaidh e an lùib an 'ANC' - Còmhdhail Nàiseanta Afraga - ann an 1943 agus chuir e air dòigh an Lìg Òigridh.[6] Fhuair e teisteanas mar fear-lagha anns na 1950an agus bha oifis lagha aige ann an Johannesburg le fear eile, Oliver Tambo.[6]

Anns na 1950an, bha laghannan ùra ann an Afraga a Deas ag ràdh nach b' urrainn do dhaoine dhubha fuireach no obair ach ann an àiteachan a bha air a chomharrachadh dhaibh.[7] Ann an 1956, chaidh casaidean brathaidh a chur às leth Mandela agus 155 luchd-iomairt eile. Ach às dèidh ceithir bliadhna, chaidh na casaidean sin a leigeil às.[7]

Ann an 1960, rinn riaghaltas Afraga a Deas an ANC mì-laghail.[10] An dearbh bliadhna, thachair sgrios ann an Sharpeville nuair a mharbh am poileas 69 daoine.[10] Gu ruige sin, bha an iomairt aig Mandela an aghaidh sgaradh-cinnidh sìtheil. Ach mun àm sin, chuir Mandela roimhe gun chleachdadh e fòirneart an aghaidh eaconamaidh na dùthcha le sabotàis.[10]

Ann an 1964, thugadh binn beatha do Mhandela. Chuireadh gu prìosan Eilean Robben e ri linn riaghaltas Hendrik Verwoerd.[11] A dh'aindeoin a' bheachd a bha cumanta ann am meadhanan an t-saoghail gum b' e ceannairceach a bh' ann am Mandela, chuir a cho-obraiche, Oliver Tambo, iomairt air dhòigh ann an 1980 gus Mandela a shaoradh on phrìosan.[12] B' e iomairt eadar-nàiseanta a bh' ann a rinn Mandela ainmeil air feadh an t-saoghail. Ann an 1981, thug Comhairle Baile Ghlaschu an duais 'Saorsa a' Bhaile' dha, rud a sgaoil an uairsin gu Obar Dheathain, Dùn Dèagh, Greenwich, Islwyn in Gwent, Kingston Upon Hull, Midlothian, Newcastle agus Sheffield.[13]

Tharraing Glaschu aire muinntir Alba dha a-rithist ann an 1986 nuair chaidh an t-ainm 'Nelson Mandela Place' a chuir air St George's Place ann an teis-meadhan a' bhaile. Bha an t-atharrachadh gu sònraichte eirmseach seach gun robh consulate-general Afraga a Deas stèidhichte anns an togalach Stock Exchange air an dearbh sràid.[13]

B' ann anns na 1990an a dh'atharraich cùisean ann an Afraga a Deas. Thog F.W. de Klerk, ceann-suidhe Afraga a Deas, an casg air an ANC ann an 1990.[12] An uair sin, leigeadh le Mandela am prìosan fhàgail air 11 an Gearran 1990.[12] Rèitich Mandela agus F. W. de Klerk na còrdaidhean a chruthaich stàit ùr gun gràin-chinnidh ann an Afraga a Deas is bhuannaich an dithis aca an Duais Nobel airson Sìth ann an 1993.[14] An ath bhliadhna, bhuannaich Mandela an taghadh airson ceann-suidhe na dùthcha anns a' chiad taghadh far an robh còir bhòtaidh aig a h-uile duine ann an Afraga a Deas.[15]

Remove ads

Iomraidhean

Remove ads

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.

Remove ads