'S e naomh agus manach Ceilteach a bh' ann am Maol Rubha (Mo Rubha neo Ma Ruibhe sa Ghàidhlig; Máel Ruba neo Máelrubai sa Ghàidhlig na h-Èireann), uaireannan, thathar a' cleachdadh "Rufus" cuideachd. Bha e beò eadar 642–722 AD is bha e à Èirinn bho thùs. Stèidhich e tuineachadh mhanach anns A' Chomraich, Siorrachd Rois.
Maol Rubha | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Beannchar (Èirinn), 642 |
Bàs | A' Chomraich, 722 |
Dreuchd | |
Dreuchd | manach |
Tèarmann | |
27 an Lùnastal |
A bheatha
Rugadh e anns an sgìre Doire Chaluim Chille agus fhuair e foghlam ann am Bangor. Ann an 671, nuair a bha e deich air fhichead bliadhna a dh'aois, sheòl e bho Èirinn gu Alba còmhla ri buidheann manaich. Mus do shuidhich iad anns A' Chomraich ann an 673, bha iad air a bhith a' siubhal anns an Earra-Ghàidheal.
Manachainn anns A' Chomraich
Tha an t-ainm-àite, "A' Chomraich", a' ciallachadh "comraich" neo "tèarmann" ("sanctuary" sa Bheurla),[1] is b' àbhaist don sgìre talmhainn naomh timcheall na manachainn a bhith air a chomharrachadh le croisean.
Tha iomradh air Maol Rubha agus a thuras gu Alba anns an eachdraidh bhliadhnail co-aoiseach na h-Èireann. Bha manachainn na Chomraich na h-ionad culturail is cràbhach glè chudromach, is bha Maol Rubha na mhiseanaraidh: chaidh e dhan Eilean Sgitheanach, Eilean Leòdhais, Loch Sin, Diùranais is Farr, airson Crìosdaidheachd a bhrosnachadh.
Maol Rubha anns an litreachas
Tha Somhairle MacGill-Eain a' toirt iomradh air Maol Rubha anns an dàn "Sgreapadal": "Sgreapadal an crò ’s a’ bhuaile / le ballachan a deas ’s an iar ’s a tuath, / agus an ear an linne / a-null gu Comraich Ma Ruibhe."[2]
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.