Loch Laomainn

From Wikipedia, the free encyclopedia

Loch Laomainn
Remove ads

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Laomainn (Beurla: Loch Lomond). Tha e mu 14 mìle (23 km) tuath air Glaschu. 'S e Loch Laomainn an loch as motha ann an Alba. Tha mu 22 eilean beag anns an loch, agus tha a' mhòr-chuid dhiubh fo shealbh prìobhaideach.

Quick facts Sruth a-mach, Dùthaich na sgìre-ghlacaidh ...

Tha e 24 mìle (39 km) a dh'fhad agus eadar 0.75 mìle (1.21 km) agus 5 mìle (8.0 km) a leud. Tha e mu 120 troigh a dhoimhne (37 m) agus 620 troigh (190 m) aig an àite as doimhne. 'S e seo co-chomharran an locha: 56° 5′ 0″ Tuath agus 4° 34′ 0″ Iar.

Tha e na phàirt dhe Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean.

Tha Loch Laomainn a' nochdadh gu math tric ann am bàrdachd agus òrain. Mar eisimpleir: Chaidh an t-òran "Loch Lomond" a dhèanamh ann an 1841.[1]

Sèist:

Oh, ye'll tak' the high road, and I'll tak' the low road,
And I'll be in Scotland afore ye;
But me and my true love will never meet again

On the bonnie, bonnie banks o' Loch Lomond.

B’ àbhaist do Runrig a bhith a' cluich an òrain aig deireadh nan cuirmean-ciùil aca 's iad a’ cluich air bruach an locha.

Remove ads
Eileanan Loch Laomainn

Tha a' mhòr-chuid den 22 eilean a th' air an cuairteachadh le uisgeachan Loch Laomainn fo shealbh prìobhaideach. Gheibhear an eileamaid innis sna h-ainmean as sine dhiubh, ged a tha eilean air a' bheag-chuid. Seo feadhainn de na h-eileanan as suaicheanta:

  • Boc Innis
  • An Ceàrdach
  • Clàr Innis
  • Craobh Innis
  • Eilean a' Bhùth (eilean air an robh bothag)
  • Eilean Darach
  • Fraoch Eilean
  • Innis Chailleach (eilean san robh cill chailleachan-dubha)
  • Innis Chonachain (a bha fo shealbh Chlann Mhic a' Chombaich fad iomadh bliadhna)
  • An Innis Chruinn
  • An Innis Fhada
  • Innis Lònaig (aithnichte airson nan craobhan iubhair aige a chaidh sìol-chur le Rìgh Raibeart Brus, a rèir beul-aithris)
  • Innis Mòna (a bha na stòras connaidh do mhuinntir Luis)
  • Innis Mearain (Naomh Mearain)
  • Innis Taigh a' Mhanaich (air an robh manachainn 's dàimh aige ri Naomh Ceasaig)
  • Eilean an Tairbeirt
Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads