La Araucana
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e dàn-mòr eachdraidheil Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh le Alonso de Ercilla y Zúñiga[1] 's th' ann an La Araucana (Gàidhlig: Cogadh Arauca). Chaidh fhoillseachadh ann an trì earrainnean ann an 1569, 1578 agus 1589 ann am Madrid.[2] Suidhichte ann an ceann a deas na Sile, 's e sgeulachd ann an comhardadh a dh'innseas mar a thug na Spàinntich ionnsaigh air na Mapuche ann an sgìre air an robh Arauca, anns an 16mh Linn. Thug Cervantes iomradh air an dàn-mòr seo ann an dà nobhail sgrìobh e, La Galatea (1585) agus Don Quijote (1605). A bharrachd air sin, bha Voltaire fhèin dhen bheachd gu robh La Araucana nas fhèarr na an Illiad le Homer ann an dòigh, ged a bha Ercilla caran stròdhail.[3]
La Araucana Cogadh Arauca | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Alonso de Ercilla y Zúñiga |
Bliadhna Foillseachaidh | 1569, 1578 agus 1589 |
Cànan | Spàinntis |
Dùthaich | An Spàinn |
Gnè-sgrìobhaidh | Dàn-mòr on Aois an Òir |
Cuspair | Bàrdachd eachdraidheil |
Suidhichte | An t-Sile |
A rèir an ùghdair fhèin, a bha an sàs anns a' Chogadh, bha an dàn-mòr seo air a sgrìobhadh fhad 's a bha Ercilla na Àrd Oifigear thall san t-Sile agus gur e sgrathan crainn a chleachd e ris gu robh gainnead phàipeir ann. B'e gu robh Ercilla, seann ghille-freastail Filip II, mòran nas foghlaimte na mòr-chuid nan Ceannsaichean. Chaidh e gu ruige na Sile mar bhall feachd neartachaidh fo Gharcía Hurtado de Mendoza, Riaghladair na Sile agus Iar-rìgh Pearu.
Mar a leughar san leabhar, 's àbhaist dhan aithriseach – Ercilla fhèin – pàirt a ghabail san stoiridh mar shaighdear, rud nach robh idir cho àbhaisteach ann am litreachas aig an àm. 'S e an Ottava Rima an sèorsa mheatrachd a chithear ann - b' ainneamh a chleachadar sin ann an Spàinntis gu ruige Camilo José Cela san 20mh Linn - a tha a' toirt dhuinn stròfaichean le ochd loighne ann am pàtran ABABABCC:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.