From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas a bh' ann an Kommúnistaflokkur Íslands (Gàidhlig: Pàrtaidh Comannach Innise Tìle).[1] Chaidh buidheann òigridh na làimhe chlì, air an robh Félag ungra kommúnista (Gàidhlig: Commann nan Comannach Òga), a stèidhedachadh am broinn Alþýðuflokkurinn - Pàrtaidh deamocratach sòisealta - ann an 1922. B' e gu robh ideòlas an fheadhainn siud gu math eadar-dhealaichte bho bheachdan Alþýðuflokkurinn air fad agus ann an 1930, fo bhuaidh na Comintern, stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth.[2] Ghabh iad pàirt anns na taghaidhean dhan Alþingi (pàrlamaid) ceithir tursan fad na 30an. Mu dheireadh thall, ann an 1937, bha triùr þingmenn (Gàidhlig: buill-pàrlamaid) commanach air an taghadh: Brynjólfur Bjarnason, Einar Olgeirsson agus Ísleifur Högnason. Mhair Kommúnistaflokkur Íslands gu ruige 1938 nuair a thill iad gu Alþýðuflokkurinn. B' e Verklýdsblaðið a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.
Kommúnistaflokkur Íslands Pàrtaidh Comannach Innise Tìle | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 3 an Dùbhlachd 1930 |
Luchd-stèidheachaidh | Brynjólfur Bjarnason |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Co-mhaoineas |
Seo na torraidhean a fhuair Kommúnistaflokkur Íslands anns na taghaidhean dhan Alþingi, a-rèir Dieter Nohlen (2010).[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.