From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eadar Ternopil agus Vinnytsia san Ucràin a th' ann an Khmelnytskyi (Ucràinis: Хмельни́цький, Pòlais: Chmielnicki, IPA: xmeʎˈn̪ɪt͡sʲkɪi̯). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Pivdennyi Buh, san roinn Khmelnytska Oblast. Tha 274,582 duine a' fuireach ann.
Khmelnytskyi Хмельни́цький
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Khmelnytska Oblast | ||||
Sgìre | Khmelnytskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 25 00' Tuath 27° 00 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 90 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 274,582 (2021) | ||||
Dlùths | 3,050.91/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 382 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chanadh Proskuriv (Pòlais: Płoskirów) ris gu ruige 1954, a tha a' ciallachdh rèidh. Fhuair e an t-ainm ùr mar urram air an t-seanailear Cosagach Bohdan Khmelnytsky.[1]
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1431. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Otomanach eadar 1672 agus 1699. Chaochail mu 1,500 Iùdhaich ann am pogrom ann an 1919. B' e an t-arm a bha air cul-gnothaich, gu seachd-àraidh an t-Seanailear Semysenko, a chaidh a chur gu bàs air a shonsa.[2] Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Chruthaich iad Ghetto Iùdhach, far an do dh'eug mu 5,000 duine.[3] Ann an 1991, thàinig Khmelnytskyi gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Khmelnytskyi a' bruidhinn (88.39%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (10.36%) cuideachd.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.