From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr agus port-aibhne eadar Poltava agus Dnipro anns An Ucràin a th' ann an Kamianske (Ucràinis: Кам'янське, Pòlais: Dniepr, IPA: dn⁽ʲ⁾iˈprɔ). Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro fhèin, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 229,794 duine a' fuireach ann.
Kamianske Кам'янське
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Dnipropetrovska Oblast | ||||
Sgìre | Kamianskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 31 00' Tuath 34° 37 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 138 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 229,794 (2021) | ||||
Dlùths | 1,665.17/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 5692 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1750 agus chanadh Dniprodzerzhynsk ris eadar 1936 agus 2016, mar urram air an neach-poileataigs Comunnach Felix Dzerzhinsky. Ann an 1991, thàinig Kamianske gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kamianske a' bruidhinn (64.85%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (34.47%) cuideachd.[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kamianske tron 19mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Kamianskeair thuiteam fad na 21mh Linn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.