From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e José Ignacio de Márquez Barreto fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia[1]. Rugadh e an an Ramiriquí, Boyacá 9 an t-Sultain 1793, agus dh’eug e 21 am Màrt 1880 ann am Bogotá. Bha e na Cheann-suidhe Choloimbia eadar 1837 agus 1841.[2]
José Ignacio de Márquez Barreto | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ramiriquí, 9 dhen t-Sultain 1793 |
Dùthaich | Coloimbia |
Bàs | Bogotá, 21 dhen Mhàrt 1880 |
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) |
Foghlam | |
Foghlam | University of Puerto Rico at Mayaguez (en) |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-lagha |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
A dh’aindeoin gur ann teaghlach uabhasach bochd a bha e, b’ urrainn dha a chuid fhoghlaim fhaighinn aig a’ Cholaiste San Bartolomé, leis cho math ‘s a bha na toraidhean acadaimeagach aige; Thug e Ceum agus an uair sin Dotaireachd ann am Lagh Sìobhalta an siud. Dh’obair e ann an roinn a’ mhaoineachaidh aig an Àrd-chùirt (is e ainmichte le Simón Bolívar, 1819-1821) chaidh e a thaghadh mar riochdaire an àite fear eile aig Co-labhairt ann an Cúcuta, a thug àite ann an 1821; B’ fheudar dhàsan pàirt a ghabhail anns na deasbadan air sàilleabh gu robh fheadhainn dhe na riochdairean air dhìth, is fiù ’s bha e na chathraiche a’ Mhòr-dhàil. Bha e na Riaghailtear air an Roinne Bhoyacá eadar 1825 agus 1826. Fiù ’s nuair a deach e ainmeachadh reachdadair Oilthigh Boyacá ann an 1828, cha do dh’obair e ach beagan mhìos, air sgàth gu do deach e a thaghadh na bhall airson Roinne Tunja dhan Cho-chruinneachadh ann an Ocaña, far an robh e na chathraiche cuideachd. Rè linn na Coloimbia Mòire, dh’fhàs e cliùiteach airson na beachdan sìobhalta aige agus leis cho measail ‘s a bha e air a’ Bhun-reachd cruthaichte aig Mòr-dhàil Chúcuta. Dh’obair e mar Riaghladair air Cundinamarca fad beagan mhìos ann an 1830, gus an do dh’ainmich an ceann-suidhe eadarach Domingo Caycedo Santamaría e na Mhinistear a’ Maoineachaidh, agus dh’fhàs e ainmeil leis an dòigh cruaidh leis a shàbhalaich e maoineachadh na dùthcha.
Nuair a Bhris Coloimbia Mòr às a chèile, Bha Márquez an sàs ann an Co-chruinneachadh Stèidheachadh na Poblachd Ghranada Ùr ann an 1831, far an robh e os cionn a’ bhuidhne ion-mheadhanach. Thagh am Mòr-dhàil Francisco de Paula Santander mar cheann-suidhe na poblachd agus Márquez mar leas ceann-suidhe 9mh am Màrt 1832; agus fhuair e an ceannas (bho 10mh am Màrt gu ruige 7mh an Dàmhair 1832) leis gu robh Santander air dhìth. An dèidh do Shantander a thilleadh (ga thaghadh ann an 1833, còmhla ri Joaquín Mosquera) dh’obair e leis na dùbhlanaich agus chuir e air bhog buidheann nam libearalach ministearalach (freumh a’ Phàrtaidh Tòraidh). Sheas e aig taghadh a’ chinneas ann an 1837, far an tug e air an t-Seanailear José María Obando agus Vicente Azuero (riochdairean a’ bhuidhne libearalach adhartach). Bha an Riaghaltas aige ainmeil airson brosnachadh an t-sìobhaltais, dìon an eaconomaidh, tearmannachd nan Tòraidh agus brosnachadh an fhoghlaim. Bha e an sàs ann an Cogadh nan Àrdanach, eadar 1840 agus 1841.
Bha e na ollamh aig an oilthigh agus na Bhritheamh aig an Àrd-Cùirt an dèidh a' chinneas a leigeil ann an 1841[3].
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.