From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e baile mòr faisg air Teruel ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Huesca (IPA: weska). Tha e suidhichte aig 470m os cionn ìre na mara,[1] 380km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 230km bho Bharcelona.[2] Tha 52,239 duine a’ fuireach ann an Huesca.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Huesca a th’ann cuideachd.
Huesca
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Huesca | ||||
Sgìre | Aragón | ||||
Co-chomharran | 42° 08' 24' Tuath 00° 24' 32' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 161.04 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 52,239 (2009) | ||||
Dlùths | 324.39/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 974 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e coltach gur ann à Bolsksan ann an Ibearais, air sàilleabh gu bheil an t-ainm a' nochdadh air buinn Ibearach, ach chan eil e soilleir na tha sin a' ciallachadh idir. Chaidh sin atharrachadh gu Osca no Urbs Victrix Osca ann an Laideann às aonais an t-iar-leasachan -skan, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach - b' e atharrachadh mòr a bh' ann. On 8mh Linn a-mach chanadh وشقة (Washqah)[4] ris an àite ann an Arabais agus nochd am foirm ùr a th' againne an latha an-diugh an dèidh nan Arabach: Huesca ann an Spàinntis (le dà-fhoghair an àite fuaimreag: /ɔ/ gu /wo/).[5]
B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fadː chanadh Ileoscan ris aig an àm.[6] Rinn an rìgh Peadar I ionnsaigh air Huesca ann an 1029 agus chuir e ruaig air na h-Arabaich, an dèidh còrr is trì ceud bliadhna. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais agus thugadh ionnsaigh air a' bhaile bho 12 an t-Ògmhios gu ruige 19 an t-Ògmhios 1937.[9] Chaill còrr is 1,000 duine am beatha sa chòmhstri. Chaidh George Orwell leòinte sa chath.[10] Bha mòran mì-earbsa ann eadar ʽ Ain-Riaghailtich agus Comunaich tron ionnsaigh.
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Huesca.[11] Cha tuit ach 531mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 642mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[12] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.