Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e saor bhaile ann an taobh tuath na Ghearmailt a tha ann an Hamburg.
Hamburg
| |||||
Binnenalster aig beul na h-oidhche | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Co-chomharran | 53° 33′ T 10° 00′ E | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 755 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,754,317 (2005) | ||||
Dlùths | 2,323.6/km² | ||||
Àireamh fòn | 40 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.hamburg.de/ |
Tha Hamburg ann an taobh tuath na Gearmailt, mu 100 cilemeatair air falbh bhon Chuan a Tuath. 'S e Hamburg am baile as motha ach aon anns a’ Ghearmailt as dèidh Berlin. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 1754317 duine a’ fuireach ann an Hamburg. 'S e baile agus stàit a tha ann an Hamburg mar a tha e ann an Berlin agus Bremen cuideachd. Anns a’ Chuain a Tuath tha trì eileanan, Neuwerk, Scharhörn agus Nigehörn, agus am pàirce nàdair Hamburgisches Wattenmeer a tha a’ buntainn ri Hamburg cuideachd. Taobh tuath air Hamburg tha Schleswig-Holstein agus 'san taobh a dheas tha Sagsainn Iòsail. Tha am pàirce-nàiseanta Lüneburger Heide suidhichte deas air Hamburg..
Tha cruth na tìre timcheall air Hamburg rèidh, chan eil cnoc nas àirde ach 116 meatair (Hasselbrack) ann.
Anns a’ bhaile tha tòrr aibhnichean, mar sin dheth canaidh iad: Venedig a Tuath ris. Seo na h-aibhnichean cudthromach:
Tha dàm ann an Alster ann am meadhan a’ bhaile, mar sin tha dà loch-tasgaidh ann, an Außenalster (an loch as motha) agus am Binnenalster.
Sgìre | Àireamh-shluaigh | Farsaingeachd | Dlùths |
---|---|---|---|
Hamburg-Mitte | 238.257 (2006) | 1071 | 1652,46 |
Hamburg-Altona | 246.936 (2006) | 0783 | 3153,72 |
Eimsbüttel | 248.233 (2006) | 0501 | 4954,75 |
Hamburg-Nord | 283.246 (2006) | 0578 | 4900,05 |
Wandsbek | 408.032 (2006) | 1475 | 2766,32 |
Bergedorf | 118.789 (2006) | 1548 | 767,37 |
Harburg | 200.134 (2006) | 1610 | 1243,07 |
Is e àite glè chudthromach anns a’ Ghearmailt agus anns an Roinn-Eòrpa airson malairt agus trafaig a tha ann an Hamburg. Is e Hamburg an sgìre as beartaiche anns an Roinn-Eòrpa, an dèidh Lunnainn, am Bruiseal agus Luxembourg[1]
'S e adhair-sheòladh an gnìomhachas as chudthromaiche ann an Hamburg (m.e.: Airbus Deutschland Gmbh). Tha ceimigeachd, bàtaichean, ola-thalamhain, bancaichean agus na meadhanan ann cuideachd. Tha foillsichearan chudthromach agus cliùiteach ann an Hamburg, m.e. Axel Springer AG, Gruner&Jahr neo Heinrich Bauer Verlag. A thuilleadh air sin, tha stèiseanan telebhisean m.e.: NDR, ARD agus an caochladh gnìomhachais ciùil ag obair anns a’ bhaile.
Ged nach eil Hamburg suidhichte aig a’ chladach tha an Elbe anns a’ bhaile domhainn agus leathann gu leòr airson port-mara cudthromach. Is e am port as motha air feadh a’ Ghearmailt a tha anns a’ phort Hamburg agus an dàrna phort as motha anns an Roinn Eòrpa. B’ e baile malairteach bhon meadhan–aoisean a bha ann an Hamburg agus chaidh margadh nan sèaraichean a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1558, a chiad mhargadh anns a’ Ghearmailt. Chan eil e glè chudthromach an-diugh.
An-diugh, ri taobh a’ phuirt, a’ mhalairt agus a’ gnìomhachas, tha Hamburg air toiseach le co-labhairtean agus fèillean cuideachd. Tha oilthigh agus colaisdean saidheansail ann an Hamburg.
Bhon 4mh linn bha daoine a’ còmhnaidh anns an sgìre far a bheil Hamburg an-diugh. Chaidh eaglais agus daingneachd a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 810 bho Teàrlach Mòr. B’ e Hammaburg an t-ainm a bha air an daingneach. Ach tro na linntean dh’atharraich Hammaburg gu Hamburg.
Bhon 12na linn bha àite malairt ann. Bhon a sheo dh’ fhàs am baile nas motha agus anns na meadhan-aoisean b’ e àite cudthromach a bha ann an Hamburg, is dòcha an àite a bu chudthromaiche anns an Hanse.
B’ e companaidh malairt eadar-nàiseanta a bha anns an Hanse. Chaidh a stèidheachadh le luchd-malairt à Lübeck, Rostock, Wismar, Hamburg agus bailtean eile anns a' Ghearmailt. Chaidh iad còmhla oir bha iad airson a bhith farpaiseach air taobh a-muigh a' Ghearmailt. Bha an Hanse glè shoirbheachail agus dh’fhàs e glè bheartach. Tro na bhliadhnaichean dh’atharraich iad bho comann mhalairt gu comann nam bailtean.
Aig an àm seo chaidh bathar a ghiùlain air a' mhuir agus na h-aibhnichean agus mar sin dh’fhàs spùinneadairean–mara nas treasa. B’ fheudar do fir-cheàirde fhulang cho fad air 300 bliadhna. B’ e Klaus Störtebeker an spùinneadair–mara as ainmeile aig an àm seo. Chaidh e a thoirt don phrìosan agus chaill e a cheann anns a’ bhliadhna 1401. Anns a' bhliadhna 1619 b’ e Hamburg am baile as motha air feadh a' Ghearmailt a bha ann an. Eadar an 16mh linn agus an 20mh linn bha Hambug a’ buntainn don Danmhairg agus pàirt dhen Ìompaireachd Naomh Ròmanach na Gearmailt. Anns a’ bhliadhna 1871 cheangail Hamburg ris an Deutsches Reich.
B' ann ann an Hamburg far an robh Yossele Rosenblatt na hazzan on a dh' fhalbh e dha na Stàitean Aonaichte. Anns an Dàrna Cogadh, anns an Iuchar agus an Lùnasdal 1943, nuair a leag itealanan bomaichean air Hamburg, chaochail eadar 40.000 agus 50.000 duine. B’ e Operation Gomorrha an t-ainm a bha air an gnìomh seo.
'S e am prìomh-bhaile do Mhusicals anns a’ Ghearmailt a tha ann an Hamburg. Bidh tòrr Musicals ainmeile air an chluich an seo fhad a’ bhliadhna.
Tha opra agus cuirm-chiùil agus tòrr thaighean-cluiche mòra ann an Hamburg, m.e.:
San 3 am Faoilleach 1809 rugadh Felix Mendelssohn Bartholdy, neach-ciùil cliùiteach, ann an Hamburg.
'S e àite inntinneach agus iomraiteach air feadh na Roinn Eòrpa a tha ann an Reeperbahn. An toiseach b' e àite far an do rinn daoine ròpaichean a bha ann an Reeperbahn. Thàinig an t-ainm bhon fhacal Ghearmailtis "Reep" a tha a’ ciallachadh ròpa. An-diugh tha an t-sràid cliùiteach airson taighean-shiùrsachd, taighean-cluiche, ceòl agus Cabarett.
Tha an Reeperbahn anns a' cheàrn St.Pauli (Naomh Pauli), agus tha St.Pauli faisg air a’ phuirt. Mar sin tha tòrr taighean-seinnse agus taighean-òsda beaga anns a' cheàrn seo.
Faisg air an Reeperbahn tha am Fischmarkt (margadh-èisg). Ach cha do rèic daoine iasg a-mhàin, ach beathaichean eadar-dhealaichte agus tòrr rudan eile.
Ann an St. Pauli, faisg air am Fischmarkt, tha na Landungsbrücken, àite far a bheil na bàtaichean mòra a’ ruigsinn air Hamburg.
Eadar meadhan a’ bhaile agus am port tha an Speicherstadt, àite far a bheil tòrr seann ionadan-tasgaidh mòra. Chan eil sràidean ann ach cladhan-aibhnichean ris an canar Fleete. 'S e àite inntinneach agus brèagha a th’ ann an-diugh. Chan eil a h-uile taighean cleachdte mar taighean stòras-bhathair. Tha na h-oifisean agus na taighean-còmhnaidh daor an seo a-nis. Tha sia eaglaisean mòra ann an Hamburg agus 's e Eaglais Naomh Mìcheal an ìomhaigh a tha aig Hamburg.
Chan eil an taigh as sine den bhaile anns a’ bhaile fhèin ach air an eilean Neuwerk. 'S e taigh-solas a tha ann, chaidh a thogail anns a’ bhliadhna 1310.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.