From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bancair, cunntasair, neach-teagaisg, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Halldór Ásgrímsson (ˈhalːtour ˈaːuskrimsɔn).[1] Rugadh e air 8 an t-Sultain 1947 faisg air Vopnafjörður (Austurland). Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Bifröst, Oilthigh Bergen agus Oilthigh Copenhagen. Chuir e seachad bliadhna no dhà a' teagasg aig Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1974 agus bha e na Mhinistear an Èisg eadar 1983 agus 1991 agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2004 gu ruige 2006 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn. Phòs e aig Sigurjóna Sigurðardóttir ann an 1967 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Bha e os cionn Seðlabanka (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 1980 gu ruige 1983.[3] Chaochail Ásgrímsson le greim cridhe ann an Reykjavík air 18 an Cèitean 2015.[4]
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Ásgrímsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.