Grand Prix Emilia Romagna
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e rèis Foirmle a h-Aon a th' ann an Grand Prix Emilia Romagna (Eadailtis: Gran Premio dell'Emilia Romagna), a bhios a' gabhail àite aig Autodromo Internazionale Enzo e Dino Ferrari, ann am baile Imola. Chaidh Grand Prix na h-Eadailte a chumail aig Imola ann an 1980 agus Grand Prix San Marino bho 1981 gu 2006.
Autodromo Internazionale Enzo e Dino Ferrari (2020–an-diugh) | |
Fiosrachadh rèise | |
---|---|
Àireamh de rèisean air fad | 2 |
Ciad rèis | 2020 |
Buannachaidhean as motha (dràibhearan) |
Lewis Hamilton (1) Max Verstappen (1) |
Buannachaidhean as motha (luchd-cruthachaidh) |
Mercedes (1) Red Bull Racing (1) |
Fad an t-slighe |
4.909 km (3.050 mi) |
Fad na rèise |
309.049 km (192.034 mi) |
Lapaichean | 63 |
Rèis mu dheireadh (2022) | |
Àite pòla | |
M.Verstappen · Red Bull Racing-RBPT · 1:27.999 | |
Pòideam | |
1. Max Verstappen · Red Bull Racing-RBPT · 1:32:07.986 | |
2. S. Pérez · Red Bull Racing-RBPT · +16.527 | |
3. L. Norris · McLaren · +34.834 | |
Lapa as luaithe | |
M.Verstappen · Red Bull Racing-RBPT · 1:18.446 |
Ri linn pandemic COVID-19 ann am 2020, chaidh mòran de na rèisean Foirmle a h-Aon an gluasad no an cuir dheth buileach. Cha robh Grand Prix Emilia Romagna air a' chiad chlàr-ama airson a' bhliadhna idir, ach chaidh a cuir ris a' chlàr-ama gus a lìonadh. Bha cruth ùr air an deireadh-sheachdain, leis an tachartas a' gabhail àite thairis air dà latha, seach trì mar as àbhaist.[1]
Ged nach robhar an dùil ach an rèis a chumail aon thuras, ann am 2020, tha Grand Prix Emilia Romagna a' tilleadh chun a' chlàr-ama ann am 2021, an àite a' Ghrand Prix Shìonach, a chaidh a cuir an dàil.[2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.