Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e eòlaiche-fiosaig à Sasainn a bha ann an George Paget Thomson.
George Paget Thomson | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Cambridge, 3 dhen Chèitean 1892 | ||
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) | ||
Ciad chànan | Beurla | ||
Bàs | 10 dhen t-Sultain 1975 | ||
Àite-adhlacaidh | Church of St Mary and St Andrew (en) | ||
Teaghlach | |||
Athair | J. J. Thomson | ||
Màthair | Rose Thomson | ||
Cèile | Kathleen Buchanan Adam Smith (en) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam | Colaiste na Trianaide | ||
Stiùiriche an teusais |
Lord Rayleigh J. J. Thomson | ||
Oileanaich dotaireachd |
Ishrat Hussain Usmani (en) Bruce Sween Liley (en) | ||
Cànain | Beurla | ||
Luchd-teagaisg | Lord Rayleigh | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | fiosaigiche, fiosaigiche niùclasach agus neach-teagaisg oilthigh | ||
Fastaichean |
Colaiste Impireil Lunnainn Oilthigh Obar Dheathain | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Bhreatainn | ||
Strì | An Cogadh Mòr |
Rugadh e ann an Cambridge ann an 1892 agus bha e na oileanach aig Oilthigh Chambridge far an do dh'ionnsaich e matamataig agus fiosaigs. Nuair an do thòisich an Cogadh Mòr bha e na shaighdear anns an Fhraing agus rannsaich e aero-dhionamaigeachd ann am Farnborough. Dh'obair e aig Oilthigh Chambridge an dèidh don cogadh agus chaidh e na ollamh aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 1921, far an do rinn e an obair a bhuannaich dha an Duais Nobel. Dhearbhaich e gu bheil eileagtronan a' dol a-mach mar thuinn nuair a thèid iad tro siteachan taine de mheatailt. Dh'imrich e do Colaiste Impireil Lunnainn ann an 1930 far an do mhair e gu 1962 agus rannsaich e fiosaigs niùclasach.[1] Tha e ainmeil airson an Duais Nobel aige a bhuannaich e còmhla ri Clinton Davisson agus airson na h-obrach aige air sgaoileadh dealain ann an gasan. Bha athair, J. J. Thomson, cuideachd na eòlaiche-fiosaig agus bhuannaich esan cuideachd an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1906.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.