From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha eachdraidh nam faclairean Gàidhlig a' dol air ais gu toiseach na seachdamh linn deug agus b' ann aig toiseach na naoidheamh linn deug a bha foillseachadh nam faclairean aig àirde a ghnìomhachd. Cha robh uiread a dh'fhaclairean a' tighinn a-mach ann an clò a-rithist on àm sin, fiù san fhicheadamh linn. 'S e faclairean Gàidhlig gu Beurla a tha sa mhòrchuid dhiubh gu ruige seo.
Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Robert Kirk liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan Scottish Historical Library aig William Nicolson.[1][2] Bha liostaichean na bu mhotha san leabhair aig Edward Lhuyd, a' chiad duine a rinn rannsachadh blàir eadar 1699-1700, gu h-àraidh briathrachas Earra Ghàidheal is Siorrachd Inbhir Nis, ged nach deach fhoillseachadh ach greis mhath 'na dhèidh sin.
Dh'fhoillsich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge leabhar air an robh Leabhar a Theagasc Ainminnin 40 bliadhna an dèidh sin ann an 1741, air a chruinneachadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair.[1]
Loidhne-ama
Cha do ràinig a' chiad fhìor fhaclair ach ann an 1780 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Uilleam MacSheathain faclair air an robh Galic and English Dictionary ach bha cuid mhath dheth làn de dh'fhaclan Gaeilge.[1] Ge-tà, cha b' fhada gus an do nochd an Nuadh Fhoclair Gaidhlig agus Beurla aig Raibeart MacPhàrlain ann an 1795.[1] Gu pongail deich bliadhna 'na dhèidh-sa, thug Peadar MacPhàrlain a bha 'na eadar-theangaiche de stuthan cràbhach a' chiad fhaclair a-mach a bha a' dol on Ghàidhlig gun Bheurla agus an caochladh slighe, an New English and Gaelic Vocabulary - Focalair Gaelig agus Beurla.[1]
Ged a stèidhich Comann Gàidhealtachd na h-Alba comataidh ann an 1806 gus faclair mòr fhoillseachadh, bha Raibeart Armstrong air thoiseach orra leis an Gaelic Dictionary ann an 1825, trì bliadhna mus do nochd am faclair aig a' Chomann ann an 1828 fon ainm Dictionarium Scoto-Celticum - A Dictionary of the Gaelic Language I & II.[1][3]
Nochd grunn fhaclairean eile ri linn sin, an Etymological Dictionary of the Gaelic Language aig Alasdair MacGilleBhàin 'nam measg ann an 1896, an aon fhoillseachadh d' a leithid airson na Gàidhlig gu ruige seo.[1]
A bharrachd air sin, tha àireamh de dh'fhaclairean ann on àm seo nach deach am foillseachadh fhathast, can an Highland Gentleman's Dictionary a chaidh a chruinneachadh mun bhliadhna 1776 's a tha san leabharlann aig Ban-Iarla Chataibh an-dràsta.[1]
Loidhne-ama
Thòisich an fhicheadamh linn le faclair mòr - am Faclair Gàidhlig 'us Beurla le Dealbhan aig Eideard Dwelly. Bha pàirt dheth stèidhichte air faclairean a bh' ann roimhe ach chuir Eideard mòran susbaint ris, an dà chuid o thùsan eile 's an obair rannsachaidh aige fhèin.[1] A dh'aindeoin aoise, 's e am faclair aig Eideard Dwelly am faclair as ùghdarrasaiche ann an saoghal na Gàidhlig fhathast.
Nochd iomadh faclair na bu lugha na sin an dèidh an fhaclair aig Dwelly.
Loidhne-ama
Cha do nochd faclairean mòra an dèidh an fhaclair aig Dwelly gu toiseach na ciad linn ar fhichead nuair a nochd am faclair mòr Gaelic English Dictionary le Colin Mark ann an 2003.[4]
B' e am Faclair Beag a' chiad fhaclair mòr a tha a' dol an dà chuid on Ghàidhlig gun Bheurla agus on Bheurla gun Ghàidhlig. 'S e faclair air loidhne le Michael Bauer agus Uilleam MacDhonnchaidh a th' ann agus chaidh fhoillseachadh ann an dà cheum. Dh'fhoillsich iad tionndadh digiteach dhen fhaclair aig Dwelly an toiseach tràth ann an 2009 agus beagan as dèidh sin leis an fhaclair ùr as a bheil barrachd air 40,000 innteart a-nis.
Loidhne-ama
A bharrachd air foillseachaidhean mu ainmean-àite, tha faclairean air cuspairean sònraichte glè ghann fhathast agus a' chuid mhòr dhiubh ag amas air an nàdar no briathrachas rianachd. Bha An Stòr-dàta Briathrachais 'na eisgeachd 's e a' cruinneachadh briathrachas teicnigeach o iomadh raon 's air fhoillseachadh le Sabhal Mòr Ostaig.
Chan eil faclair eachdraidheil ann fhathast, ged a tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu air obair a dhèanamh air fear o chionn fhada 's air a bheil Faclair na Gàidhlig.
Loidhne-ama
Faclairean fa leth air loidhne
WebArchive (ìomhaighean de dhuilleagan)
Pròiseact
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.