Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
Se roinn àrsaidh agus siorrachd traidiseanta na h-Alba a tha ann am Fìobha. Is e "Rìoghachd Fìobha" far-ainm a tha air, o chionn 's gu bheil (neo gu robh) gach ni a bhiodh aig rìoghachd neo-eisimeileach ri lorg taobh a-steachd a crìochan. Tha muir is beanntan aige còmhla le talamh àiteachas meinnearan agus gnìomhachasan ghiollachais.
A-nis tha Comhairle Fhìobha na chomairle ionadail airson Fìobha.
Tha oir na mara a sineadh bho Ros Saidhe air an Linne Foirthe, tro Cill Rìmhinn air an Ear gu Port na Creige agus Obar Neithich air bruaich deas na Tatha. Tha calan le cidhean-luing aig Cathair Challdainn agus an Eilean Loisgte, tha àireamh de bailtean iasgaidh, na measg Cathair Aile agus Ànsruthair air an oir deas
B'e Cùbar prìomh baile na Fìobha. Bha Malairt Arbhair an seo. Is e talla poblach a tha anns an togalach anns an latha an diugh.
Bha Cille Rìmhinn le a Chaisteal agus Oilthigh Chill Rìmhinn na phort cudthromach re na meadhan aoisean. Anns a' bhaile seo tha Sràid Earra Ghaidheil a' comharrachadh chun latha an diugh far an robh an ceàrnag Gàidhealach de'n bhaile anns an linn sin.
Tha tur-cruinne, de linn na h-Eaglais Ceilteach agus 24m a dh'àirde anns an cladh aig Obar Neithich.
Is e Beinn Loman am beann as àirde ann am Fìobha. Is beinn bhòidheach a tha innte ged nach eil a mullach fiù 's 600m os cionn barr na mara.
'S e tairbeart a tha ann, agus o chionn goirid, roimh na drochaidean thairis an Tatha agus Linne Foirthe, bha i nas iomallaiche.
Tha àiteachas na roinn gnìomhachais cudthromach do eaconomaidh na Fìobha. Tha talamh beartach an meadhan na Fìobha, agus tha muileann coirce a chruthaicheas bleideagan-bhrochan (Scott's Porridge Oats) aig Cùbar. Tha an taigh-staile a thogas an t-uisge bheatha shile-singilte, "Stewarts Cream of the Barley" aig agus tha taigh-staile a thogas malt-singilte aig Achadh an Fhuarain. Bha muilnean pàipear aig Marg Innis agus Drochaid-Gèaird.
Tha gnìomhachasan giollachais air trèigsinn Fìobha gu ìre mhòr rè an trithead bliadhna a chaidh, ach bha obraichean salainn air an oir deas bho'n 18mh linn, nuair a chaidh a' chiad leasachadh air an Raon Guail Fìobhach. Bho meadhan an 19mh linn, nuair a fhosgail James Williamson a Lancaster, Muileann Linoleum ann an Cathair Challdainn gu na 1970an bha am baile am prìomh ionad-giollachais de chuibhrigidhean ùrlair anns an t-saoghail. Cha do mhair na muilnean lino tro an gluais bho stuth-beathachaidh nàdarra (b' e jute, ola-fhrois-lìn agus min-airc na bun-stuthan do linoleum) ri plastaigean stèidhichte air ola-mèinneireachd.
Chaidh ath-leasachadh air an raon-ghuail Fìobhach as deidh an dara cogadh, stèidhicheadh mèinn-domhainn mhòr ùr aig Seafield, ri taobh Cathair Challdainn anns na 1960an. Chaidh a dhùnadh as deidh stalc nàiseanta na mèinnearan a mhair bliadhna re 1983-84. Tha mèinnearachd fhathast a' dol an iar-deas na roinn, ach cladhair an gual a mach a slochdan fosgailte, seachd mèinnean-domhainn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.