Remove ads

’S e Linn Giùdain no Linne Giùdain no Linne Foirthe a theirear ris an sgìre mara air taobh sear na h-Albann eadar Fiobha san àird a tuath agus Lodainn san àird a deas. Tha i a’ sìneadh bho Uisge For san àird an iar gu ruige an Cuan a Tuath san àird an ear. Tha i gu math trang, le aiseagan, bàtaichean-ola, agus an Cabhlach Rìoghail ga cleachdadh.

Thumb
Linn Giùdain, sealladh bhon speur

Bha Balla Antonine balla àrsaidh Ròmanach a' ruith eadar Linne Chluaidh agus Linn Giùdain.

Ainm

Chlàraich Francis Diack an t-ainm Linn Giùdain ann an Siorrachd Pheairt san 20mh Linn. Is dòcha gum biodh Linne na bu chirte na Linn ann an dòigh, oir bha e ’na chleachdadh cànanach ann an Siorrachd Pheairt a bhith a’ fàgail na lide mu dheireadh dheth, ach tha eisimpleirean eile ann de Linn seach Linne ann an ainmean àite. Faodaidh gu bheil Giùdain càirdeach ri Gododdyn, an treubh Bhreatanach a bha ann an Labhdaidh mus tàinig na Scotti agus na h-Angli. An fhianais a th’ ann don ainm Linne Foirthe,[1] tha e fiù’s nas tana na an fhianais a th’ ann don ainm Linn Giùdain.[2]

Remove ads

Bailtean air an linne

Eileanan

Iomraidhean

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.

Remove ads