Litreachas From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e nobhail às A' Ghearmailt a sgrìobh Peter Schneider 's a th' ann an Der Mauerspinger (Darmstadt, 1982, Gàidhlig: An Leumadair Bhallachan).[1] Suidhichte ann am Berlin aig àm a' Chogaidh Fuaire nuair a bha am baile agus an dùthaich fhathast air an sgarradh ann an dà stait eadar-dhealaichte, 's ann mu bhuaidh a' Chogaidh Fuaire air na daoine 's a bhruidhinneas an leabhar. Rinn Reinhart Hauff film dhe ann an 1982, air an robh Der Mann auf der Mauer Gàidhlig: Am Fear air a' Bhalla).[2]
Der Mauerspringer An Leumadair Bhallachan | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Peter Schneider |
Bliadhna Foillseachaidh | 1982 |
Cànan | Gearmailtis |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Gnè-sgrìobhaidh | Nobhail |
Cuspair | Cogadh Fuar |
Suidhichte | Berlin |
Ged a sgrìobhadh an nobhaileag 's a tha seo co-dhiù seachd bliadhna mus thuit Balla Berlin, mhothaich an t-ùghdair gum maireadh buaidh sgarradh na dùthcha fiù's bliadhnaichean anns na làithean ri theachd.[3] Cha robh duine sam bith dhen bheachd gun tuiteadh am balla mar a thuit e, ach cha b' e ach Schneider a smaoinich gum biodh e bèo nar cinn ged an dèidheadh e à sealladh. Mar a thuirt Schneider:
"Bheir e nas fhaide dhuinn am Balla a leagail nar cinn na dh' fheumas companaidh sgriosaidh sam bith airson a' Bhalla a chì sinn."[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.