‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Chomhghain (Beurla/Beurla Ghallta: Kirkcowan). Tha e suidhichte aig 51m os cionn ìre na mara,[3] faisg air an Abhainn Bhlaidneach,[4] ann an ceann a tuath leth-eilean na Machrach, eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Clachan Ghlinn Lus, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 294km air falbh bho Obar Dheathain, 108km bho Ghlaschu, 66km bho Dhùn Phrìs agus 146km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Phàdraig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[7]
Cill Chomhghain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill Chomhghain fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 53′ 60″ Tuath 04° 35′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01671 |
Còd-puist | DG8[2] |
Freumhan an Ainm
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill anns a' Gàidhlig fhèin agus ainm naoimh air choireigin à Èirinn a tha an t-ainm.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]
Eachdraidh
Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turas mar Kirkewane ann an 1485.[10] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1834.[11] Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1861, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[12]
Poileataigs
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille Chomhghain fhèin a bhuineas Cill Chomhghain, a ghabhas a-steach sgìre na mòintich gu tuath. Tha 575 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 16 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Chomhghain ann an Cill Chomhghain. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]
Gnàth-shìde
'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1141mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Cill Chomhghain. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Cill Chomhghain.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar /an Giblean/an Cèitean (dìreach 65mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (127mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.
Còmhdhail
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[16]
Iomraidhean
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.