From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann Chaparral. Tha e suidhichte aig 854m os cionn ìre na mara aig astar dhe bho Bhogotá. Tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1773.
Chaparral
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Tolima | ||||
Àirde | 854m | ||||
Co-chomharran | 04° 55' Tuath 75° 07' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2,124 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 46,712 (2005) | ||||
Dlùths | 21.99/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Chaparral |
'S e ainm Spàinntis a tha a' ciallachadh Achadh nan Darach a th'ann Chaparral, às an fhacal chaparro (basgais: txaparro).[2] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[3] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Yopal ann an Casanare.
Tha 46,712 nan tàmh anns a' bhaile, agus 21,374 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-sluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Chaparral (is mòran dhuibh mestizos), tha 5.2% dhe Tùsanaich agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 81.3% dhe na daoine ann an Chaparral leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.3% dhe na dachannan.[6]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chaparral. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
José María Melo (1800 – 1860): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1854.
Manuel Murillo Toro (1816 – 1880): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1864 agus 1868, agus an uair sin eadar 1872 agus 1874.
Darío Echandía Olaya (1897 – 1989): Ceann-suidhe na dùthcha iomadh turas fad na 1940an agus na 1960an.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.