Bad Urach
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
‘S e baile ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am Bad Urach. Tha e suidhichte aig 463m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Elms, anns na Beanntan Jura, anns an stàit Baden-Württemberg, 530km air falbh bho Bherlin, 111km bho Augsburg, 45km bho Ulm agus 36km bho Stuttgart.[1] ‘S ann leis an sgìre Reutlingen a tha am baile agus tha 11,862[2] duine a' fuireach ann.
Bad Urach
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 48° 30' Tuath 09° 24' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 55.50 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 11,862 (2013) | ||||
| Dlùths | 213.73/km² | ||||
| Àireamh fòn | 07381 agus 07125 | ||||
| Duilleag oifigeil | A' Chomhairle | ||||
Remove ads
Eachdraidh
Thathar air fuighealan a lorg a sheallas gu robh daoine a' fuireach san àite seo ri Linn na Cloiche mar-thà. B' e treubhan Gearmailteach air an robh na h-Alamanii a thug seilbh air an àite ri linn nan Ròmanach ach chaidh caisteal a thogail an seo mu 1025, ris an canadh Hohenurach. Chaidh am baile a thoirt a-steach do Dhiùcachd Württemberg mu 1260.[3] Bha e na prìomh-bhaile na Dhiùcachd eadar 1442 agus 1482. Chaochail an sgrìobhadair Nikodemus Frischlin an seo ann an 1590.[4] Chaidh ainm a' bhaile-spatha seo atharrachadh bho Urach gu Bad Urach ann an 1983.
Remove ads
Bailtean co-cheangailte
Enying[5]
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads
