From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann an Arizona[1] no Arasòna.[2] Tha i suidhichte san àirde an iar-dheas na dùthcha. Tha crìochan aice le Meagsago. Tha Phoenix na prìomh-bhaile.[3] 'S e Tucson am baile mòr eile a th' anns an stàit. B' e 6,392,017 an t-àireamh-sluaigh ann an 2010.[4] 'S e Beurla an cànan oifigeil, ach tha Spàinntis aig 22% dhen t-sluagh cuideachd. Agus 's e Arizona a th' anns an dachaigh dhen choimhearsnachd as motha a tha a' bruidhinn cànan Ameireaganach-dhùthchasach anns an dùthaich: na Naibheahonan. Fhuair Arizona a h-inbhe mar stàit air an ceathramh latha deug dhen Gearran, 1912,[5] mar sin tha an sluagh uaireannan a' toirt "Stàit Latha na Valentine" mar ainm air. 'S e an dà fhicheadamh stàit is a h-ochd nan Stàitean Aonaichte a bh' ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.