From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Apulo. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 420m os cionn ìre na mara agus 101km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann an Apulo, agus tha teodhachd mheadhanach dhe 26.6˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1544.
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Cundinamarca |
Domhan-leud is -fhad | |
Cànan obrach no ainm | Cariban |
Làrach-lìn | http://www.apulo-cundinamarca.gov.co/index.shtml |
Tha dìreach 1,156 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 2,002, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Apulo, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga agus 0.1% Tùsanaich. 'S urrainn dhan 81.8% dhe na daoine ann an Apulo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 17% dhe na dachannan.[6]
Chuir ceannardan nan Libearach agus nan Tòraidh ainmean gu còrdadh-sìthe an seo ann an 1831, a chuir crìoch Cogadh sìobhalta.
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Apulo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.