From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eachdraidheil agus port marsanta cudromach faisg air Gent agus Zundert, ann an taobh tuath na Beilge, suidhichte aig ìre na mara, 's a th' ann an Antwerpen (IPA: ˈɑntʋɛrpə(n), Fraingis: Anvers, Spàinntis: Amberes). Tha am baile rim faotainn aig inbhir na h-Aibhne Scheldt (IPA: sxɛldə), a shruthas dhan Chuan a Tuath. 'S ann ann an roinn Provincie Antwerpen, ann am Flannras a tha e, far a bheil Duitsis ga bruidhinn. Tha 523,248 a’ fuireach ann, le sin 's e an dàrna bhaile nas motha na dùthcha an dèidh na Bruiseil.[1]
Antwerpen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Bheilg | ||||
Ceàrn | Flannras | ||||
Sgìre | Provincie Antwerpen | ||||
Co-chomharran | 51° 13' 04 Tuath 04° 24' 01 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 204.51 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 523,248 (2018) | ||||
Dlùths | 2,558.54/km² | ||||
Àireamh fòn | + 32 03 | ||||
Duilleag oifigeil | https://www.antwerpen.be/ |
Thathar dhen bheachd gur ann à Andverpas air neo Andwerpas air a' chlàradh ann an laideann ann na meadhann aoisean 's a tha an t-ainm, a tha a' dol air ais gu dà fhacal Gearmaineach: anda (Gàidhlig: an aghaidh, air an taobh thall) agus werpum (Gàidhlig: làimhrig-mhòr). Mar sin, biodh leth-innseach neo ros a bh'ann ciall an ainm.[2]
Chaidh an leabhar Lazarillo de Tormes fhoillseachadh an seo airson a' chiad turais ann an 1554.[3] Bhris a-mach An t-Ath-Leasachadh Pròstanach le aimhreit agus ainneart an seo anns An Lùnasdal 1566, mar ann an iomadh àite eile sna tìrean ìosail. Chaidh Fernando Álvarez de Toledo y Pimentel le arm mòr a chur an àite an tànaisteir Margarita de Parma leis an Rìgh Flip II na Spàinne, airson an t-ar-a-mach a chur sìos. Nuair a thòisich Cogadh nan Ochdad Bliadhna ann an 1568, thuit malairt eadar Antwerpen agus Bilbao a-mach à chèile agus cha tugadh piseach air an staing siud a-chaoidh. Air 4 an t-Samhain 1576, thug saighdearan na Spàinne ionnsaigh air a' bhaile, latha dubharach air a bheil Creach Antwerpen air neo Caothach nan Spàinnteach (Duitsis: Spaanse Furie, Spàinntis: Saqueo de Amberes): chuireadh 7,000 daoine gu bàs, chaidh 800 taighean a losgadh agus b'fhiach an sgrios agus milleadh nas motha na £2 muillean.[4] Thuit Antwerpen gu feachdan na Gearmailt an dà chuid ann an 1914 rè Cogadh a' Cheusair agus cuideachd ann an 1940 rè'n Dàrna Cogaidh.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.