Alexandru Ioan Cuza

From Wikipedia, the free encyclopedia

Alexandru Ioan Cuza

B' e oifigear an airm, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus prionnsa à Romàinia a bh' ann an Alexandru Ioan Cuza (IPA: ˈalekˈsandru iˈo̯aŋ ˈkuza, Bârlad, 20 am Màrt 1820 - Heidelberg, 15 an Cèitean 1873).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach - bha athair na uachdaran-fearainn (Romàinis: boyar) roimhe. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Pharis agus phòs e aig Elena Rosetti à Iași ann an 1844.[2] Chaidh ainmeachadh Domnitor (Gàidhlig: riaghladair) ann an aonadh pearsanta rìoghail an dà chuid air Moldobha agus Țara Românească ann an 1859.[3] B' ann mar seo a chaidh Principatele Unite (Gàidhlig: Prionnsalachdan Aonaichte) agus an uair sin Romàinia a chruthachadh. Mar Riaghladair nam Prionnsalachdan Aonaichte, thug e taic dhan iomairt phoileataigeach agus dioplomasach a dh'iarradh air Impireachd nan Otomanach - an stàit àrd-uachdaran os cionn nam Prionnsalachdan fad linntean - gun aithnicheadh i aonadh Moldobha agus Țara Românească. Mu dheireadh thall, ann an 1862, b' urrainn do Chuza aonadh rianachail agus bun-reachdail nam Prionnsalachdan ann an aon stàit le a prìomh-bhaile agus a pàrlamaid ann am Bucharest ruigsinn.[4] Chuir a dhealas airson ath-leasachadh poileataigeach agus sòisealta na Tòraidhich agus Libearalaich raidigeach na aghaidh, a' mhòr-chuid dhuibh uachdarain-fearainn agus luchd-gnothaich às a' chlas Chalpasach. Air 22 an Gearran 1866, thugadh airsan crùn a leigeil dhe agus b' fheudar dha an dùthaich fhàgail. Chaochail e thall thairis ann an Heidelberg ann an 1873.[5]

Quick Facts lord of Moldavia (en), lord of Wallachia (en) ...
Alexandru Ioan Cuza
Thumb
lord of Moldavia (en)

5 dhen Fhaoilleach 1859 - 5 dhen Ghearran 1862
Grigore Alexandru Ghica (mul)
lord of Wallachia (en)

24 dhen Fhaoilleach 1859 - 5 dhen Ghearran 1862
Barbu Dimitrie Știrbei (en)
Prince of Romania (en)

24 dhen Fhaoilleach 1862 - 23 dhen Ghearran 1866
no value - Carol I of Romania (en)
Beatha
Breith Bârlad, 20 dhen Mhàrt 1820
Dùthaich Principality of Moldavia
Wallachia
United Principalities of Moldavia and Wallachia
Bàs Heidelberg, 15 dhen Chèitean 1873
Àite-adhlacaidh Trei Ierarhi Monastery (en)
Voinești (en)
Teaghlach
Athair Ioan Cuza
Màthair Sultana Cozadini
Cèile Elena Cuza (en)  (1844 -  unknown value)
Càraid Marija Obrenović (en)
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Pharas
Cànain Fraingis
Romàinis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, oifigear, rèabhlaideach agus lagh-eòlaiche
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Eaglais Ortodogsach Romàinia
Thumb
Close

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.