![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/3f/Marinemuseum-wilhelmshaven-2007.jpg/640px-Marinemuseum-wilhelmshaven-2007.jpg&w=640&q=50)
Wilhelmshaven
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach agus port uabhasach cudromach faisg air Aurich agus Bremerhaven, air an àirde an iar-thuath na Gearmailte a th’ ann am Wilhelmshaven (IPA: vɪlhɛlmsˈhaːfən). Tha e suidhichte aig dìreach 2m os cionn ìre na mara, ri taobh a’ Bhàigh Jade (Gearmailtis: Jadebusen), am broinne na stàite Sagsainn Ìosail. Tha am baile 43km air falbh bho Oldenburg, 123km bho Hamburg, 67km bho Bhremen agus 371km bho Bherlin.[1] Tha 75,728 duine a' fuireach ann.[2] ‘S e an aon phort le uisge gu math domhainn anns a’ Ghearmailt air fad a th’ ann am Wilhelmshaven agus an aon Bhunait a' Chabhlaich a th' aca cuideachd.[3]
Wilhelmshaven
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 53° 31' 19' Tuath -08° 06' 27' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 106.91 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 75,728 (2013) | ||||
Dlùths | 708.33/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)4421, (0)4422, (0)4423 agus (0)4425 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |