From Wikipedia, the free encyclopedia
The time allocated for running scripts has expired. B' e riochdaire fhilm a bha ann an Walt Disney.
Rugadh e 5 an Dùbhlachd 1901 ann an Chicago. Ghluais an teaghlach dha gu Missouri.[1]
Rinn e dealbhan-èibhinn nuair a bha e òg. Eadar 16 agus 18 bliadhna a dh'aois dhraibh e carbadan-eiridinn anns an Fhraing ri linn a' Chogaidh Mhòir. An dèidh sin ghluais e do Kansas City, Missouri agus Hollywood far an do dh'obraich e còmhla ri Ub Iwerks. B' e Disney a rinn a' chiad beò-dhealbhadh le traca fuaime mar-aon, Steamboat Willie.[2]
Ri linn an Dàrna Chogaidh, dh'obraich na stiùideothan Dhisney air filmichean trèanaidh agus thill iad gu dibhearsan an dèidh sin, le cartùnaichean mar Fantasia, Sleeping Beauty agus filmichean beò. Stèidhich e pàircean dibhearsain ann an Anaheim ann an California, Disneyland agus Disney World ann am Florida.
Ann an 1966 bhàsaich e aig aois 65 ann am Burbank.[1] Tha fathann ann gu bheil corp Dhisney reòthta is e a' feitheamh aiteimh nuair a bhios dòighean ùra airson an aillse a mharbh e a leigheas ach 's e breug a th' innte.[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.