From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e diadhair, sagart agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Tryggvi Þórhallsson.[1] Rugadh e air 9 an Gearran 1889 ann an Reykjavík.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle, far an robh e cuideachd na Neach-teagaisg. Mar shagart, bha e os cionn pharaiste ann an Vesturland bho 1913 gu ruige 1916, nuair a thill e a Reykjavík. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche ann an 1933. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1927 gu ruige 1932 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Phòs e aig Anna Guðrún Klemensdóttir ann an 1913 agus fhuair iad seachdnar duine cloinne còmhla.[3] Bha athair, Þórhallur Bjarnarson,[4] na easbaig nàiseanta, agus bha a phiuthar, Dora Þórhallsdóttir, pòsta aig Ásgeir Ásgeirsson, a lean Þórhallsson mar fhorsætisráðherra, cuideachd airson Framsóknarflokkurinn, bho 1932 gu ruige 1934. Dheasaicheadh e am pàipear-naidheachd Tíminn fad 10 bliadhna.[5] Chaochail Þórhallsson ann an Reykjavík air 13 an t-Iuchar 1935.
Tryggvi Þórhallsson | |||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
28 dhen Lùnastal 1927 - 3 dhen Ògmhios 1932 ← Jón Þorláksson - Ásgeir Ásgeirsson →
19 dhen Fhaoilleach 1928 - 14 dhen Ghiblean 1931 ← Magnús Guðmundsson - Sigurður Kristinsson (en) →
19 dhen Fhaoilleach 1928 - 18 dhen Chèitean 1929
15 dhen Ghearran 1929 - 7 dhen Mhàrt 1929 ← Magnús Kristjánsson (en) - Einar Árnason (en) →
15 dhen Iuchar 1931 - 19 dhen Lùnastal 1931 ← Einar Þórhallsson (en) - Ásgeir Ásgeirsson →
15 dhen Iuchar 1931 - 19 dhen Lùnastal 1931 ← Jónas Jónsson (en) - Jónas Jónsson (en) →
20 dhen Lùnastal 1931 - 3 dhen Ògmhios 1932 ← Sigurður Kristinsson (en) - Þorsteinn Briem (en) → | |||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||
Breith | Reykjavík, 9 dhen Ghearran 1889 | ||||||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||||||
Bàs | Reykjavík, 31 dhen Iuchar 1935 | ||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Adhartach |
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Þorláksson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.