From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr, port agus sgìreachd bhaile (Turcais: büyükşehir belediyesi) air costa a tuath Poblachd na Tuirce a th' ann an Trabzon (IPA: tɾɑpiˈzɔn, Airmeanais: Տրապիզոն, Greugais: Τραπεζοῦς). Tha Trabzon suidhichte faisg air Erzurum eadar A' Mhuir Dhubh agus na Beanntan Kaçkar, san roinn (Turcais: ili) Trabzon, dìreach aig ìre na mara. Tha 240,333 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an 45mh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.[2]
Trabzon Տրապիզոն | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Tuirc |
Ceàrn | Trabzon Büyükşehir Belediyesi |
Sgìre | Trabzon İli |
Co-chomharran | 41° 000 00' Tuath 39° 44 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 768.417 km² |
Àireamh-shluaigh | 240,333 (2017) |
Dlùths | 312.76/km² |
Àireamh fòn | + 462 |
Duilleag oifigeil | http://www.trabzon.bel.tr/ |
Chaidh am baile a stèidheachadh san 9mh Linn ro Ìosa Chrìost le Greugaich à Sinope ann an Aisia Bheag. Chaidh a chlàradh airson a' chiad turais anns an Anabasis, a sgrìobh Xenophon. Nuair a bhris An t-Impireachd Bheasantian a-mach à chèile chaidh rìoghachd ùr a stèidheachadh an seo air an robh Impireachd Thrabzon, a mhair mar dhùthaich shaor far an robh Greugais ga bruidhinn bho 1204 gu ruige 1461. Chaidh am baile a thoirt a-steach do Impireachd nan Otomanach an dèidh sin. Chruthaich daoine à Genova agus Venezia air an robh Leonkastron. Chèilidh Marco Polo air a' bhaile ann an 1261. Rinneadh droch sgrios air an togalach anns a' chiad Cogadh.[3] Bha na Greugaich làidir ann an Trabzon gu ruige 192 nuair a chaidh iad a chur a-mach às an dùthaich. Dh'fhulang na Airmeinianaich sgrios-cinnidh an seo aig an aon àm: chaidh mu of 50,000 duine a chur gu bàs.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.