From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e am meud fiosaigeach a sheallas an t-astar eadar toiseach agus crìoch cuairt slàn tuinn a th' ann an tonn-fhad.[1] Le sin, canar gur e an sgaradh ann an spàs a tha eadar dà àite leis an aon sheòrsa gluasaid a th' ann. Thathar a' riochdachadh an tonn-fhaid leis an litir greugach lambda (λ). Ann an graf, 's urrainnear tonn-fhad a riochdachadh bho àirde gu àirde, ìochdar gu ìochdar, cothrom gu cothrom air neo àite air choireigin eile a tha a' gluasad san aon dòigh.
'S ann air roinnean an t-siostaim mheatraich - mar an nanomeatair agus an micromeatair - a tha meudachadh tonn-fhaid stèidhichte.[2] Mar eisimpleir, 's urrainnear tonn-fhad nan tonn fuaime mheudachadh ann am meatairean, ach 's e na nanomeatairean a tha nas fhasa airson tonn-fhadan rèididheachd dhealan-mhagnaitich, mar rèididheachd ultra-bhìolait agus gathan gamma, a mheudachadh.
A bharrachd air an t-siostam mheatrach, thathar a' cleachdadh nan Ångström, gu h-àraidh ann am speactramscòpadh, air sàilleabh gur e aon Ångstrom a th' anns an astar àbhaisteach eadar atam mòran chriostalan.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.