From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr eadar Arad agus Reșița, air an àirde an iar Romàinia a th' ann an Timișoara (IPA: ˈtimiˈʃo̯ara, Ungairis: Temesvár, Gearmailtis: Temeswar, Sèirbis; Темишвар). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Timiș, aig 90m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Timiș. Tha 319,279 duine a' fuireach ann.[1]
Timișoara Temesvár/Temeswar/Темишвар
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Timiș | ||||
Co-chomharran | 45° 45 35' Tuath 21° 13 48' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 130.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 319,279 (2011) | ||||
Dlùths | 2,446.58/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 56 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S ann às an fhacal vár (Gàidhlig: Cathair) ann an Ungairis agus am freumh Innd-Eòrpais thib (Gàidhlig: boglach) 's a tha ainm a' bhaile.[2] Bha treubhan Daci agus Ceilteach nan tàmh ann, ro teachd nan Ròmanach. Tha eachdraiche neo dithis ann an Romàinia dhen bheachd gur ann ann an Timișoara 's a bha an tuineachadh Daci Zurobara, mun do sgrìobh Ptolomaidh san leabhar Γεωγραφικὴ Ὑφήγησις. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1212 mar Castrum regium Themes. Rinn na Tatari sgrios agus milleadh air a' bhaile san 13mh Linn. Bhuinneadh e do dh' Impireachd nan Otomanach bho 1552 gu ruige 1716. B' e gun tàinig fear air an robh Kara Ahmed Pasha agus 160,000 saighdear gu Timișoara, chuairtich iad am baile agus, air 22 an Giblean 1552, thuit e: bha Timișoara phrìomh-bhaile na roinn Eyālet-i Tımışvār on latha siud air adhart.[3] Ann ceann 176 bliadhna, cheannsaich arm nan Habsburgach am baile ann an 1716. Ghabh Romàinia os làimh Timișoara ann an 1920. Thug plèanaichean-cogaidh Aimearganach, Breatainneach agus Gearmailteach ionnsaigh air a' bhaile aid deireadh an Dàrna Cogaidh. B' ann ann an Timișoara a thòisich Rèabhlaid Romàinianach air 16 an Dùbhlachd 1989, nuair a thog na daoine fianais sna sràidean agus an Riaghaltas a' feuchainn ris an easbaig Pròstanach László Tőkés a chur a-mach à dheuchd.[4]
À rèir Cunntas-shluaigh 2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (259,754) agus mion-chuidean Ungairianaich (15,564), Seirebianaich (4,843), Gearmailtich (4,193), Rroma (2,145), Rutheni (556) agus Iùdhaich (176) a' fuireach ann an Timișoara.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.